ÃÛÑ¿´«Ã½

Use ÃÛÑ¿´«Ã½.com or the new ÃÛÑ¿´«Ã½ App to listen to ÃÛÑ¿´«Ã½ podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,25 Dec 2015,60 mins

Os cionn na seinn bha Murdag, Ceiteag, Peigi-Ann neo Oighrig, peathraichean Dòmhnallach Bhaile an Truiseil

Na Peathraichean Dòmhnallach Eile

Available for 29 days

Tha sinn air fad air cluinntinn mu na Peathraichean Dòmhnallach à Siadair air taobh Siar Eilean Leòdhais agus air eòlas a chur air an cuid seinn fad is farsaing. Nise ann an ceann eile na sgìre ann am Baile an Truiseil bha teaghlach eile de pheathraichean Dòmhnallach, an teaghlach aig Aonghas Mhurchaidh Dhòmhnaill agus bha an t-seinn ri chluinntinn gu bitheanta san dachaigh acasan cuideachd. Eadar meadhan na leth-cheudan gu toiseach na seachdadan chaidh an t-uabhas chlàraidhean a' dhèanamh de theaghlach Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill nan dachaigh ann am Baile an Truiseil le Sgoil Eòlais na h-Alba. 'S e dàin spioradail agus sailm a bh' anns a' chuid is motha de na clàraidhean. B'e an rud a b' annasaiche aig an àm gur e teaghlach de cheathrar chlann-nighean a bha os cionn na seinn : Peigi Anna, Murdina, Ceiteag is Oighrig, le Murdina mar bu thrice a' cur a-mach na loidhne. Bha agus tha fhathast cuid dhen t-seinn a chaidh a chlàradh ann an Taigh Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill tarraingeach do luchd-ciùil cliùiteach air feadh an t-saoghail - nam measg an neach-ciùil Martyn Bennett nach maireann, agus buidhnean dràma eadar-nàiseanta, mar Song of the Goat.

Programme Website
More episodes