ÃÛÑ¿´«Ã½

Use ÃÛÑ¿´«Ã½.com or the new ÃÛÑ¿´«Ã½ App to listen to ÃÛÑ¿´«Ã½ podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,25 Dec 2024,120 mins

Criosaidh @ 70

Available for 28 days

Rugadh Criosaidh Nic a' Phiocair (Chuimeanach) ann an Ceann Tùlabhaig san Òb ann an 1954. Chaidh i gu Bun-sgoil an Òib agus an uair sin do Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart. Bha Criosaidh a' seinn bho bha i na nighinn bhig, aig na mòdan ionadail ann an Steòrnabhagh agus na consairtean ainmeil a bhiodh ann an Sgoil an Òib aig àm na Nollaige. Fhuair i a guth seinn bho dà thaobh an teaghlaich, agus ged nach eil a' seinn air àrd-ùrlar ach i fhèin, tha guth math aig a piuthar Lisa ‘s tha a bràithrean Coinneach agus Aonghas aithnichte airson a bhith a’ cur a-mach na loidhne, mar a bha an athair romhpa. Choisinn Criosaidh am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta anns an Òban, ann an 1978. Bha i cuideachd na ball de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis airson fichead bliadhna agus bidh i fhathast a' seinn aig cèilidhean is cuirmean bho àm gu àm. Abair gun tàinig buidheann dhòigheil cruinn còmhla ri Criosaidh airson an ceann-bliadhna sònraichte seo a chomharrachadh aig Fèis Blàs na bliadhna seo - a nighean Jenna Chuimeanach agus an t-ogha aice Kirsty Bella, Iain ‘Costello’ MacÌomhair, Amy NicAoidh, Darren MacIllEathain agus Graham MacIllInnein.

Programme Website