Episode details

Available for 3 days
Tha Feasgar a' cur fà ilte air preasentair ùr, Ramsay MacMhahon, a bhios an cois Emma airson trì mìosan, agus 's e a th'aig an stiùir an-diugh. Air an t-seachdain mu dheireadh dhan mhìos seo, thèid Sgoil Fhoghair a chumail ann an Grinneabhat air taobh siar Leòdhais, far am bi luchd-ionnsachaidh na ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ a' fuireach còmhla fad seachdain, beò ann an à rainneachd Ghà idhlig. Tha seo mar thoradh air co-bhanntachd eadar Grinneabhat agus UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall. Tha Catriona Mhoireach, a tha na h-oide aig UHI, agus a tha an sà s anns an Sgoil Fhoghair, ag innse do Ramsay na bhios romhpa. Tha an seinneadair ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ , Mà iri Mhoireasdan, a' dol air chuairt san Damhair còmhla ri Alasdair MacDhonnchaidh, seinneadair Canadach, mar chomharrachadh air a' chlà r ùr aca, Remembered In Exile, a thà inig a-mach sa Ghiblein. Tha sinn a' cluinntinn bho Mà iri mun chuairt aca, agus cho cudromach sa tha e a bhith a' daingneachadh na ceanglaichean-ciùil eadar Alba agus Canada. Agus tha sanas bhideo ùr a’ brosnachadh an t-Suain mar à ite cho sonraichte 's gu bheil dotairean ga thabhainn mar òrdugh-cungaidh. Tha seo ri linn 's gu bheil an t-Suain là n chur-seachadan air a’ bhlà r a-muigh a tha feumail dha do chorp agus d’inntinn. Tha Ramsay a' faighinn beachd an t-Suaineach Viktor Korpi Kardell air an iomairt.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
 - 1.Something In The HeavensSomething In The HeavensLewis Capaldi
 - 2.Tell Me Ten WordsTell Me Ten WordsIdlewild
 - 3.Catching BodiesCatching BodiesSekou & Sekou
 - 4.Power Over MePower Over MeDermot Kennedy
 - 5.Pumped Up KicksPumped Up KicksFoster the People
 - 6.The Times They Are A-Changin'The Times They Are A-Changin'Bob Dylan