ÃÛÑ¿´«Ã½

Use ÃÛÑ¿´«Ã½.com or the new ÃÛÑ¿´«Ã½ App to listen to ÃÛÑ¿´«Ã½ podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,14 Oct 2025,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 10 days

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail sa Ghearasdan an t-seachdain seo agus thathar am beachd gum bi faisg air 10,000 neach an làthair eadar farpaisich, luchd-ciùil agus luchd-frithealaidh. Seachdain cho cudromach 's a th' ann dhan a' Chomunn Gàidhealach mar a chuala Cathy nuair a bhruidhinn i ri Ceann-suidhe na buidhne, Magaidh Choineagain. Tha 20 bliadhna bho bhuannaich Fiona J NicChoinnich Bonn Òir a' Chomuinn ann an Steòrnabhagh. Bhon uairsin tha i air iomadh òran a chlàradh agus tha i cuideachd air a bhith na tasglannaiche aig Taigh Chanaigh. Fhad 's a bha i a' fuireach an Cannaigh, aig àm a' ghlasaidh, ghabh i an cothrom sgrùdadh ceart a dhèanamh air a' chruinneachadh de dh'òrain agus sgeulachdan beul-aithris a bha Mairead Fay Sheathach air a chlàradh. Ri linn sin, tha i air leabhar a sgrìobhadh mu eachdraidh-beatha Mhairead agus mun tasglann a chruthaich i fhèin 's an duine aice, John Lorne Caimbeul. Bhruidhinn Fiona ri Cathy mun an leabhar, The Cadence of A Song a tha Birlinn a' foillseachadh aig a' Mhòd a-màireach.

Programme Website
More episodes