ÃÛÑ¿´«Ã½

Use ÃÛÑ¿´«Ã½.com or the new ÃÛÑ¿´«Ã½ App to listen to ÃÛÑ¿´«Ã½ podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,21 Oct 2025,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 18 days

Cha bheag na buannachdan a tha an cois a bhith a' gabhail cuairt a-muigh, a-rèir luchd-rannsachaidh - eadhon is ged nach biodh ann ach cuairt 20 mionaid. Ach dè an diofar a tha e a' dèanamh ann am beatha dhaoine dha-rìribh? Tha Cathy a' bruidhinn ri ceathrar a tha iad fhèin gu math dèidheil air a bhith muigh, mu na buannachdan a tha iadsan a' faireachdainn a thig bhuaidhe. Tha Eilidh Daniels a' moladh baile Birmingham dhuinn - baile a tha gu tric sna naidheachdan air adhbharan eadar-dhealaichte, ach aig am bith trèana-cadail a' stad bho thoiseach na bliadhna. Dè an tarraing a tha sa bhaile? Agus cluinnidh sinn cuideachd mu leabhraichean - An Stàball, leabhar-chloinne air a sgrìobhadh le Anne Ramsay bhon a' Bhac an Eilean Leòdhais; agus leabhar tur eadar-dhealaichte sa Bheurla le Graham MacKay-Burnett, "Benbecula". Saoil a bheil an leabhar eucoir seo, stèidhte air sgeulachd ann an eachdraidh, a' toirt dhuinn dealbh a chreideas sinn de chùis-uabhais bhon 19mh linn.

Programme Website
More episodes