ÃÛÑ¿´«Ã½

Use ÃÛÑ¿´«Ã½.com or the new ÃÛÑ¿´«Ã½ App to listen to ÃÛÑ¿´«Ã½ podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,22 Oct 2025,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 19 days

A bheil e gu diofar ma tha ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ na h-Èireann, aig ceann-suidhe na h-Èireann? Cha bheag an argamaid a tha an cois taghaidhean poilitigeach air feadh an t-saoghail. Ach tha argamaid air cuspair às ùr air nochdadh ann an taghadh poilitigeach na h-Èireann - far a bheil ceann-suidhe ùr ga thaghadh Dihaoine. Tha a' cheist mun tagraiche as fheàrr air deasbad a nochdadh mu cho deatamach is a tha e gu bheil cànan na dùthcha aig ceann-suidhe na dùthcha. Ach dè mar a tha daoine a' faireachdainn mun chuspair? Tha Brian Ã’ hÙiginn ann am Baile Àth Cliath, is ag innse an tuilleadh dha Cathy mun chuspair. Le "The Traitors" air na scrionaichean againn, tha Cathy cuideachd a' faighneachd do thriùir cò mhiannaicheadh iad fhèin glasadh ann an Caisteal nan Traoidhtear! Agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha a' cèilidh air Cathy air an Diciadain seo - is e a' leigeil a dhreuchd aig Oifis Chìsean is Chusbainn a' riaghaltais seachad. Saoil dè na sgeulachdan a th' aige fhèin dhuinn, bho iomadach bliadhna-obrach is eachdraidh air leth?

Programme Website
More episodes