ÃÛÑ¿´«Ã½

Use ÃÛÑ¿´«Ã½.com or the new ÃÛÑ¿´«Ã½ App to listen to ÃÛÑ¿´«Ã½ podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,23 Oct 2025,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 20 days

'S iomadh dùn a th' air cladaichean is cnocannan na h-Alba. Nam measg tha dùin bho Linn an Iarainn air an d' thoir sinn "broch" - nòs togalaich nach eil ri lorg ann an àite sam bith ach taobh siar is taobh tuath na h-Alba. Le iomairt gus broch ùr a thogail ann an Gallaibh air cead dealbhachaidh fhaighinn, ge-tà, tha Cathy NicDhòmhnaill a' bruidhinn ri Coinneach MacIlleathain mu na bhiodh a dhìth airson broch a thogail - is na tha ri ionnsachadh bhon leithid. Tha Ruairidh MacIlleathain gar toirt air cuairt dha na h-Innseachan, agus e ag innse dhuinn mu sgìre Ladakh, ann am fasgadh beanntan nan Himalaya. Ged a tha buaireadh agus còmhstri air iomairtean mairbhteach adhbhrachadh sna seachdainean mu dheireadh, tha eachdraidh inntinneach agus poilitigs toinnte aig a' sgìre, mar a mhìnicheas Ruairidh dhuinn. Tillidh sinn dhan a' Ghearasdan cuideachd - agus às dèidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na seachdain sa chaidh, tha Mòrag Dhòmhnallach air chuairt cuimhne timcheall air a' bhaile san do chuir i iomadach uair seachad na deugaire sgoile. Agus tha Aileen Elder a' bruidhinn ri dithis a thàinig dhan Ghearasdan airson a' Mhòid: Fiona NicDhùghaill, agus Ailean Titley a thàinig à Èirinn. Saoil dè rinn iad fhèin dhen t-seachdain aca?

Programme Website
More episodes