Episode details

Available for 25 days
Eadar obair Banksy agus feadhainn na canastair peant ann an tunail-srà ide - cha bheag na chì sinn de dhealbhan, sgrìobhadh, is ìomhaighean air ballachan nam bailtean mòra. Ach a bheil ealain srà ide na mhodh ealain e fhèin sa latha a th' ann? 'S i sin a' cheist a th' aig Cathy do dhithis a tha gu math eòlach air saoghal nan ealain - Calum Aonghas MacAoidh agus Iseabail Mhoireach. Le còmhradh gu leòr sna meadhanan mu ghoid bho thaighean-tasgaidh - tha sinn air John Neil Dòmhnallach a chuir a-mach a dh' ionnsaigh fiolm air an dearbh chuspair. Saoil ciamar a chòrd "The Mastermind" ris fhèin? Agus tha Angela NicFhionghuin ag aithris air Na Lochan dhuinn - is muinntir na sgìre air cruinneachadh gus seann thaigh-coinneamh Orasaigh a chuimhneachadh is a chomharrachadh, mus tèid a leagail.
Programme Website