Episode details

Available for 29 days
Airson beagan bhliadhnaichean air ais anns na 1980an, chuala luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal “An t-Òranaiche.” Gach seachdain, thadhladh fear neo tè dhe na seinneadairean à a bu chliùitiche bh’ ann aig an àm air a’ stiùidio aig seann thogalach a’ BhBC air Slighe na Banrigh Mairead airson òran neo dhà a ghabhail. Thairis air an t-sreath seo, bidh Fiona NicChoinnich a’ toirt thugaibh a taghadh fhèin bhon tasglainn phrìseil seo. Anns an darna prògram, cluinnear òrain bho Anna Lathurna NicIllÌosa, Fionnlagh MacNèill, Cathy Anna Nic a’ Phì agus Art MacCarmaig.
Programme Website