Episode details

Available for 26 days
Tha sinn uile eòlach air a' ghealaich... ach dè mu dhèidhinn gealachan eile? A-rèir luchd-saidheans, 's e nà dur de ghealach a th' ann an 2025 PN7 - a tha a' seòladh sna speuran os cionn na talmhainn. Ach dè th' ann an gealachan beaga dhen leithid - neo co-dhiù, saidealan cloiche is deighe sna speuran a tha cha mhòr nan gealach? Tha ùidh mhòr aig an fhear-naidheachd Iain MacIlleathain sna speuran, is tha e a' mìneachadh a chuspair dhuinn. Le baile Ghlaschu a' comharrachadh 850 bliadhna de bhith na bhaile oifigeil, tha Mairianna NicChoinnich a' tadhal air an taigh as sine sa bhaile cuide ri Catrìona Mhoireach - Provand's Lordship, taigh a chaidh a thogail san 15mh linn. Agus 's i Cathy Mary Nic a' Mhaoilein ar cèiliche an t-seachdain sa - is i dìreach air leabhar ùr fhoillseachadh, Seachdain Seunta. Eadar Dùn Chà rlabhaigh (baile a h-à raich), a h-obair sa sgoil-à raich, agus a sgrìobhadh fhèin, 's iomadh cuspair air an suath a còmhradh le Cathy NicDhòmhnaill.
Programme Website