Episode details

Available for 27 days
Cha bheag an à ireamh de chomadaidhean a th' air a bhith air na scrionaichean againn thairis air na bliadhnaichean - agus cha bheag na rinn luaidh air Prunella Scales, a chluich Sybil Fawlty san t-sreath ainmeil Fawlty Towers, a bhà saich an t-seachdain sa. Ach dè tha fà gail cuid a phrògraman comadaidh - gu h-à raidh na "sitcoms" cho soirbheachail seach cuid eile? Carson a tha cuid ann a tha air leth èibhinn dhuinn? Tha Calum MacFhionghuin agus Seonag Monk eòlach gu leòr air cleasachd, sgrìobhadh, is comadaidh - is tha iad còmhla ri Cathy le sùil gheur air dè nì cuid a phrògraman cho buileach èibhinn. Cluinnidh sinn cuideachd mun chunnart a tha anns an Àrd an Ear - puinnseanachadh methanol, ann an deoch là idir mì-laghail. Dè cho mothachail is a tha luchd-turais don chunnart? Agus le Oidhche Shamhna air fà ire aig an deireadh sheachdain, tha cuimhneachain is còmhradh gu leòr aig Cathy còmhla ri Dòmhnall MacCoinnich, Flòraidh NicThòmais, Artair Donald agus Mà iri Ross. Ciamar a tha cùisean air atharrachadh nan cuimhne-san, bho là ithean an òige, is ginealaichean òga a-nise a' faighinn Oidhche Shamhna gu math eadar-dhealaichte bhon t-suidheachadh a bh' ann uaireigin?
Programme Website