Episode details

Available for 18 days
Nochd naidheachd gun d’fhuair an companaidh Virgin cead trèanaichean a’ ruith tron Channel Tunnel dhan a Fhrà ing. Tha seo a’ ciallachadh, airson a’ chiad uair, bhon a thòisich a Eurostar 30 bliadhna air ais, gum bi taghadh aig luchd-siubhail ma tha iad airson falbh dhan Roinn Eòrpa air trèana. Tha Maureen NicLeòid gu math dèidheil air a bhith a’ siubhal fad is farsaing, agus tha i ag innse beagan mu dè dìreach a tha fa-near dha Virgin. Tha Emma NicColla ag innse mu dheidhinn na còig briodaichean sònraichte de choin as fhèarr leatha. Tha companaidh nithe is comhurtachd choin aig Emma agus i eòlach air tòrr diofar sheòrsaichean coin. Tha sgioba Feasgar a' beachdachadh air dè thachras anns a' phrògram mu dheireadh de na Traitors agus a' toirt sùil air ais air an t-sreath a bha cho soirbheachail.
Programme Website