Main content
This programme is not currently available

Dòmhnall Aonghais Bhàin

Josie Burgess a' toirt iomradh air beatha agus bàrdachd Dhòmhnaill Aonghais Bhàin. Josie Burgess looks at the life and poetic works of Donald MacDonald.

Tha am prògram seo mar phàirt de phròiseact a chaidh a chur air dòigh còmhla ri Urras nan Leabhraichean agus ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gàidheal agus air a mhaoineachadh le MG Alba. Bha Josie Burgess, oileanach à Uibhist a Deas, ag obair aig an Urras aig an àm agus 's i a tha lìbhrigeadh a' phrògram air beatha agus bàrdachd Dhòmhnaill Aonghais Bhàin, neo bàrd Taobh a Deas Loch Baghasdail.

30 minutes

Last on

Sun 29 Dec 2013 10:30

Josie Burgess

Josie Burgess
"I was going to send you Donald's book for Christmas - it's just for you. When you grow up you can sing his songs. He was fond of you"
Sin an teachdaireachd a fhuair Josie Burgess ann an litir bheag a chuir Ciorstaidh Chaimbeul, piuthar Dhòmhnaill Aonghais Bhàin, thuice ann an leth-bhreac den leabhair aige 'Smuaintean fo Èiseabhal' a chaidh fhoillseachadh goirid an dèidh dha bàsachadh ann an 2000. Cha do dhìochuimhnich Josie na facail sin agus thug sin oirre a' bhàrdachd aig Dòmhnall a thaghadh mar chuspair airson a' phrògram seo, 's chan e sin a mhàin, dh'amas i cuideachd air aon de na pìosan bàrdachd a sheinn anns a' phrògram.

Ciorstaidh Chaimbeul

Ciorstaidh Chaimbeul
Rugadh Dòmhnall Aonghais Bhàin, Dòmhnall Dòmhnallach, air Taobh a Deas Loch Baghasdail air an dàrna là deug den Dùbhlachd 1926. Bha ceathrar anns an teaghlach agus b' esan a b' òige. Bhàsaich athair nuair a bha Dòmhnall seachd mìosan a dh'aois agus bha a mhàthair air a fàgail a' togail an teaghlaich air a' chroit. Ach a dh'aindeoin cruadal is obair chruaidh, chaidh Dòmhnall 's a bhràithrean sa phiuthar a thogail ann an dachaigh thoilichte, far an cluinneadh tu an còmhnaidh seinn, ceòl is deagh chèilidh a' dol air adhart, agus tha sin gu math follaiseach anns a' bhàrdachd aig Dòmhnall nuair a tha e a' cuimhneachadh air ais air na làithean sin.

Dòmhnall Aonghais Bhàin

Dòmhnall Aonghais Bhàin

'S e duine iriosal a bh' ann an Dòmhnall, agus ged a bhiodh e a' sgrìobhadh bàrdachd bha e gu math diùid agus cha robh an obair aige a' dol na b' fhaide na a starsach fhèin. Ach dh'atharraich sin, oir fhuair e misneachd ann fhèin às dèidh do bhàrd ainmeil eile à Uibhist, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh, à Peighinn nan Aorainn, Dòmhnall a' bhrosnachadh nuair a leugh e pìos den bhàrdachd aige. Chaidh Dòmhnall a chrùnadh mar bhàrd aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1983 agus bha a chuid bàrdachd a' nochdadh tric ann an Gasaet Steòrnabhaigh, anns a' Phaipear Bheag agus anns an iris, Gairm. Tha a' chuid mhòr den bhàrdachd aige an-diugh air a chruinneachadh san leabhar 'Smuaintean Fo Èiseabhal'.

Broadcasts

  • Tue 14 May 2013 13:30
  • Tue 14 May 2013 22:00
  • Sun 19 May 2013 10:00
  • Christmas Day 2013 10:00
  • Sun 29 Dec 2013 10:30