
Festubert
Às an tasglann prògram a' comharrachadh Blà r Festubert a chuireadh sa Chèitean 1915. Remembering the Battle of Festubert, keenly felt in the Highlands but particularly in Skye.
Sa Chèitean 1915 chuireadh Blà r Festubert, blà r a thug buaidh mhòr air sgìrean leithid an t-Eilean Sgitheanach, Na Hearadh, Uibhist agus Inbhir Nis. Sa phrògram a tha seo bho 2004 tha Aonghas Dòmhnallach às an Eilean Sgitheanach dhar toirt tron sgeulachd a' cleachdadh sgrìobhaidhean, bà rdachd agus comhraidhean le feadhainn a chaidh air turas chun a' raon-cogaidh ann a 2004 airson a h-innse. Tha e dhar stiùireadh bhon à m a ghairmeadh na balaich dhan chogadh, gu trèineadh ann an Crombaigh agus Bedford, chun a' bhlà ir aig Festubert.
Bha buidheann de dh'ochd air fhichead Sgitheanach air falbh dhan Chogadh còmhla agus bha iad air a bhith aig Blà r Neuve Chapelle sa Mhà irt. Air an aona latha deug den Chèitean chaidh an gluasad gu Festubert is ionnsaigh mhòr ùr dol ga thoirt air na Gearmailtich. Ach nuair a chaidh na saighdearan air adhart cha b' fhada gus na dh'fhoghlam iad gu robh trainnsichean nan Gearmailteach cha mhòr cho slà n 's a bha iad bho thùs. Co-dhiù rinneadh tomhais de dh'adhartas an toiseach is b' fheudar do na Gearmailtich tarraing air ais beagan an siud 's an seo.
Aig leth-uair an dèidh sia feasgar, air an t-seachdamh latha deug, thà inig buidheann Phort Rìgh agus buidheann à Ceann a' Ghiuthsaich còmhla air a' là imh chlì. Air an là imh dheis bha dà chompanaidh de shaighdearan à Bedford. Uair a thìde an dèidh sin thà inig an t-òrdan "Charge!"
Mus tà inig Blà r Festubert gu crìch air an t-seachdamh latha fichead dhen mhìos bha mu 16,000 saighdear Breatannach marbh no air an leòn is cha robh iad ach air mu chilemeatair de thalamh a bhuannachd. Bha dà mhìle gu leth Canèidianach marbh no air an leòn.
Chaidh am prògram a riochdachadh le Skye-Media agus a mhaoineachadh le Seirbhis nam Meadhanan Gà idhlig ann a 2004.
Last on
Broadcasts
- Thu 14 May 2015 09:03ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 14 May 2015 21:13ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal