
23/11/2007
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clips
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 438
Duration: 05:04
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 439
Duration: 05:38
Litir 439: Mar a Fhuair Mac Bhoban Saor a Bhean
Tha stòiridh eile agam dhuibh an t-seachdain seo air Boban Saor â agus am fear mu dheireadh dhiubh. âS e ainm an stòiridh seo Mar a Fhuair Mac Bhoban Saor a Bhean. Chaidh a chruinneachadh an dĂ chuid ann an Alba agus ann an Alba Nuadh.
Bha Boban Saor ag iarraidh air aâ ghille aige pòsadh. Agus bha an gille aige deònach gu leòr. Latha a bha seo, chuir Boban Saor an gille aige don fhèill chaorach le dĂ chaora â airson an reic. âNuair a chĂŹ thu duine,â thuirt athair ris, âcan ris gu bheil thu aâ coimhead airson cuideigin a cheannaicheas na caoraich. Bidh e aâ pĂ igheadh air an son â no pĂ irt dhiubh â agus bheir e air ais dhut iad air an lĂ rna-mhĂ ireach.â
Dhâfhalbh an gille a dhâionnsaigh na fèille. Fada no goirid an t-astar a shiubhail e, thĂ inig e don fhèill. ThĂ inig feadhainn far an robh e. Dhâfhaighnich iad, âA bheil thu aâ reic nan caorach?â
âTha,â ars esan.
âDè tha thu ag iarraidh orra?â
âTha a leithid seo de phrĂŹs,â thuirt e. âFeumaidh sibh pĂ irt dhiubh a cheannach ach na caoraich fhèin a thoirt air ais dhomh a-mĂ ireach.â
âCiamar a cheannaicheas mi bhuat iad,â bha na daoine eile ag rĂ dh, âagus tu fhèin gam faighinn air ais a-rithist?â Cha robh iad deònach na caoraich a cheannach.
Dhâfheuch an gille fad an latha. âDè tha thu ag iarraidh orra?â bha cuid aâ faighneachd dheth.
âTha a leithid seo de phrĂŹs,â thuirt e. âFeumaidh sibh pĂ irt dhiubh a cheannach ach na caoraich fhèin a thoirt air ais dhomh a-mĂ ireach.â
Tuigidh sibh nach robh an gille soirbheachail. ThĂ inig deireadh na fèille, agus bha na caoraich aige fhathast. Thòisich e air an rathad dhachaigh leis na caoraich. Bha e aâ dol seachad air taigh agus thĂ inig boireannach òg a-mach.
âCha chreid mi,â ars ise, âgun do reic thu na caoraich agad.â
âCha do reic,â thuirt an gille. âBha mi aâ coimhead airson cuideigin a bhiodh aâ ceannach pĂ irt de na caoraich bhuam. Bhiodh iad aâ pĂ igheadh airson sin agus bheireadh iad na caoraich air ais dhomh a-mĂ ireach.â
âCeannaichidh mise pĂ irt de na caoraich sin,â ars am boireannach. âSaodaich iad don chrò ud agus thig a-steach âs gum faigh thu do bhiadh.â
âGlè mhath, ma-thĂ ,â fhreagair an gille. Shaodaich e na caoraich don chrò agus dhâfhalbh e a-steach. Ghabh e a bhiadh agus cheannaich am boireannach pĂ irt de na caoraich bhuaithe, is thug i an t-airgead dha. Thuirt i ris gum fuiricheadh e airson na h-oidhche oir bha e ro sgĂŹth airson tilleadh dhachaigh. Rinn e sin agus, fhad âs a bha e na chadal, chaidh ise a-mach don chrò agus rĂšisg i na caoraich. Anns aâ mhadainn bha na caoraich deiseil airson a dhol dhachaigh leis. Bha e dĂŹreach mar a thuirt athair. PhĂ igh i mu thrĂ th airson na clòimhe â pĂ irt de na caoraich, ceart gu leòr.
Thill an gille dhachaigh leis na caoraich. Dhâfhaighnich Boban Saor dheth ciamar a chaidh dha, agus dhâinnis e mar a thachair.
âGlè cheart,â ars am bodach. âFalbhaidh tu a-mĂ ireach agus ruigidh tu an taigh aig aâ bhoireannach sin agus bheir thu tairgse pòsaidh dhi. Tha mi an dòchas,â ars esan, âgun aontaich i do phòsadh.â
Agus sin mar a bha. Dhâfhalbh mac Bhoban Saor agus rĂ inig e an t-Ă ite far an robh am boireannach òg a bha seo. Thug e tairgse pòsaidh dhi agus bha i deònach gu leòr a ghabhail. ThĂ inig iad dhachaigh âs rinneadh banais. Agus sin mar a fhuair mac Bhoban Saor am boireannach seòlta.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Litir 438: Boban Saor
An t-seachdain sa chaidh, thug mi earrann dhuibh de sgeulachd Ă Miughalaigh, a chaidh a chruinneachadh le Lisa Storey, agus a nochdas anns an leabhar Ăšr aice, Muinntir Mhiughalaigh. âS e an t-ainm air an stòiridh Boban Saor. Uill, tha mi airson an ĂŹre mhath an aon stòiridh innse dhuibh an t-seachdain seo, ach le diofar no dhĂ ann. Agus chan ann Ă Miughalaigh a thĂ inig e â ach Ă taobh thall aâ chuain ann an Canada.
Tha leabhar fĂŹor mhath ann air a bheil Tales until Dawn â Sgeul gu Latha a chaidh a chur ri chèile leis an sgoilear GhĂ idhlig, Iain Seathach. Tha Iain a-nise stèidhichte ann an DĂšn Ăideann, ach bha e aâ fuireach uaireigin ann an Eilean Cheap Bhreatainn ann an Alba Nuadh. Chruinnich e tòrr sgeulachdan is naidheachdan bho fhear Eòs MacNĂŹll ann an Ceap Breatainn. Agus abair stòras de sgeulachdan is naidheachdan! Am measg na thâ aige ann an Sgeul gu Latha, tha an stòiridh seo â Boban Saor. An dearbh dhuine ris an do thachair sinn ann am beul-aithris Mhiughalaigh. Faodaidh sibh coimeas a dhèanamh eadar an stòiridh Ă Miughalaigh agus am fear Ă Ceap Breatainn. Agus, mar a rinn mi le fear Mhiughalaigh, tha mi air atharrachadh no dhĂ a dhèanamh gus am bi e beagan nas fhasa dhuibh.
Latha a bha seo, thuirt Boban Saor ri a mhac gun robh iad aâ dol air thuras. Dhâiarr e air a mhac faighinn deiseil. Dhâfhaighnich a mhac dheth cĂ ite an robh iad aâ dol. Thuirt Boban Saor gun robh iad aâ dol a dhâfhalbh gus an ruigeadh iad an t-Ă ite anns an robh an t-uisge aâ ruith an aghaidh aâ bhruthaich. Bidh cuimhne agaibh an t-seachdain sa chaidh gun robh an sruth an aghaidh Ă ird againn airson âwater running uphillâ. An turas seo tha an t-uisge aâ ruith an aghaidh aâ bhruthaich againn. Tha e aâ ciallachadh an aon rud.
Dhâfhalbh iad, aâ marcachd. Bha dĂŹreach aon each aca. Bha an dithis aca air druim an eich. Chaidh iad pĂŹos agus thĂ inig iad gu allt. Bha am fear òg aâ gabhail beachd air na thuirt athair. Bha e aâ coimhead airson Ă ite anns an robh an t-uisge aâ ruith an aghaidh aâ bhruthaich.
Mar a thĂ inig iad a dhâionnsaigh an uillt, thuirt Boban Saor ris aâ ghille e thighinn air lĂ r, agus gun leigeadh iad leis an each a dhol sĂŹos a ghabhail deoch. Bha an gille na sheasamh, âs e aâ coimhead air an each. Thuirt e ri athair an ceann tacain, âFaodaidh sinn tilleadh.â
âCarson a dhâfhaodas sinn tilleadh?â thuirt athair.
âO,â arsâ esan, am fear òg, ârĂ inig sinn an t-Ă ite anns a bheil an t-uisge aâ ruith an aghaidh aâ bhruthaich. Seall,â arsâ esan, âmar a tha an t-uisge aâ dol suas ann an amhaich an eich.â
ââS fhĂŹor sin,â arsa Boban Saor, agus thuig e gun robh an gille gu math seòlta.
Dè an stòiridh as fheĂ rr leibh? Bha barrachd ann am fear Mhiughalaigh, ceart gu leòr, ach âs ann mĂŹ-fhortanach a bha an gille anns an stòiridh sin, agus e air a chur air falbh. Anns an stòiridh Ă Ceap Breatainn, âs e an gille a tha glic. Chan eil sgeul air an dithis mhac eile agus chan eil dad ann mu dheidhinn aâ bhean aige a bhith ag innse do Bhoban Saor nach ann leis-san a bha fear dhen triĂšir. Tha Boban Saor aâ nochdadh ann an grunn sgeulachdan, an dĂ chuid ann an Alba is Canada. Innsidh mi fear eile dhuibh an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 23 Nov 2007 11:55ĂŰŃż´ŤĂ˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 24 Nov 2007 10:55ĂŰŃż´ŤĂ˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.