
30/11/2007
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 440
Duration: 05:40
Litir 440: Eilean a’ Mhuineil
O chionn beagan bhliadhnaichean chaidh mi a champachadh ann an Cnòideart, air cladach Loch Shubhairne. Choisich mi a-mach gu eilean a bha an ìre math ceangailte ri tìr-mòr – le muineal de mhorghan. Agus ’s e an t-ainm a th’ air – Eilean a’ Mhuineil.
Chan eil duine a’ fuireach anns an à ite sin an-diugh ach bha mi a’ smaoineachadh dhomh fhìn aig an à m gur iongantach mura b’ e sin tìr ghaisgeach uaireigin. ’S e sin an seòrsa à ite a th’ ann – eadar beinn is muir – mar a tha mòran de thaobh an iar na Gà idhealtachd. Tìr nam Beann, ’s nan Gleann, ’s nan Gaisgeach.
Uill, fhuair mi a-mach nach robh mi fada ceà rr, oir rugadh an gaisgeach Gà idhealach, Finan MacDonald, anns an dearbh à ite. Bha tuathanas ann am “Muineal” agus bha athair Fhinan na thuathanach ann. Agus cò bh’ ann am Finan MacDonald? Uill, bha e ainmeil, am measg eile, airson sabaid le tarbh-allaidh, no bison, le a là mhan a-mhà in, agus a bhith fhathast beò aig an deireadh.
Chan eil mi buileach cinnteach dè an dreach Gà idhlig a bh’ air ainm oir ’s ann ann am Beurla a bha a h-uile cunntas a leugh mi air. Canaidh mi Fionghan MacDhòmhnaill ris ach dh’fhaodainn a bhith ceà rr, is ma tha fiosrachadh air a’ ghnothach aig duine sam bith agaibh, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.
Rugadh Fionghan ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1782). Dh’fhà g e Alba, cuide ri a theaghlach, nuair a bha e na bhalach òg, agus chaidh e a dh’Ameireagaidh a Tuath. Nuair a thà inig e gu ìre, bha e sia troighean is ceithir òirlich a dh’à irde, le falt fada ruadh agus feusag mhòr. Timcheall air ochd ceud deug ’s a ceithir (1804), fhuair e obair aig Companaidh an Iar-thuath a bha an sàs ann am malairt nam bian.
Mar a thachair le mòran Ghà idheal eile, fhuair e a-steach air treubh de dhùthchasaich Ameireaganach, agus phòs e tè dhiubh. Uaireannan bhiodh e a’ taobhadh le aon treubh de thùsanaich an aghaidh treubh eile, agus a’ sabaid às an leth.
Rinn e obair le cuid de luchd-rannsachaidh, leithid Dhaibhidh MhicThòmais, a bha a’ dèanamh mhapaichean, agus thathar ag rà dh gum b’ e Fionghan a’ chiad duine – co-dhiù duine Eòrpach – a chaidh tarsainn nam beanntan mòra Creagach – na Rockies – trì tursan. Bha cuid dhen bheachd nach e sgoilear a bh’ ann agus gum b’ fheà rr leis obair chunnartach – a’ gabhail a-steach sabaid – seach obair pà ipeir. Ach tha e coltach gun robh trì cà nanan aige gu fileanta – Gà idhlig, Beurla is Fraingis – agus gun robh comas aige ann an cuid de na cà nanan dùthchasach a bharrachd.
Rinn Fionghan obair rannsachaidh anns na beanntan is aibhnichean airson an lus-eòlaiche Albannaich, Daibhidh Dùbhghlas. Chruinnich Dùbhghlas tòrr lusan nach robh aithnichte anns an Roinn Eòrpa. Bha Giuthas an Dùbhghlasaich am measg sin. Fhuair Daibhidh bàs ann an Hawaii. Thuit e do shloc anns an robhar a’ glacadh crodh fiadhaich. Chaidh a mharbhadh le tarbh a bh’ anns an t-sloc.
Ach cha b’ ionann e do Fhionghan MacDhòmhnaill. Nuair a bha e ceathrad ’s a còig bliadhna a dh’aois, chaidh a thilgeil far eich. Bha tarbh-allaidh mòr an tòir air. Thionndaidh Fionghan. Rinn an tarbh is Fionghan carachd le chèile. Chaidh an dithis a ghoirteachadh ach mhair iad beò. Gu dearbh, bha Fionghan beò airson fichead ’s a ceithir bliadhna às dèidh sin. Tha cuid ag rà dh nach robh duine eile – roimhe no às a dhèidh – air tighinn beò tro shabaid le tarbh-allaidh mòr dhen t-seòrsa sin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 30 Nov 2007 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 1 Dec 2007 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.