
04/01/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 445
Duration: 05:29
Litir 445: An Linnet
Anns an Fhaoilleach ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843), chaidh an soitheach an Linnet air na creagan faisg air Cadabol. Tha Cadabol là imh ri Baile a’ Chnuic ann am Machair Rois. Tha diofar aithrisean ann mu dheidhinn na thachair dhi ach tha na leanas faisg air an fhìrinn, chanainn.
’S e bà ta-seòlaidh a bh’ innte, le dà chrann. Bha leth-cheud ’s a trì (53) troigh de dh’fhad innte agus cuideam de sheasgad (60) tonna. Bhiodh i a’ dol eadar ceann an ear-thuath Shasainn agus puirt an ear-thuath na Gà idhealtachd. Uaireannan bhiodh i a’ toirt gual air an t-slighe a-mach, agus a’ tilleadh a Shasainn le coirce no eòrna.
Co-dhiù, chaidh i air na creagan. Bha i an ìre mhath air chall. Ach cha robh an t-slige briste. Cheannaich triùir de mhuinntir an à ite an t-slige. B’ iad dithis iasgairean agus tuathanach. Bha iad a’ dol ga cà radh. Anns a’ chiad dol a-mach, chuir iad romhpa, le taic bho fheadhainn eile sa choimhearsnachd, an soitheach a thoirt gu bà gh Bhaile an Todhair.
Chuir iad an Linnet air bhog, le bhith a’ cleachdadh bharaillean falamh ceangailte rithe. Thòisich iad air a tarraing a-null le eathraichean is geòlaichean. Ach dh’fhàs am feasgar na bu mhiosa. Bha i gu math stoirmeil. Cha robh acair ceangailte ris an Linnet tuilleadh. Thòisich i air falbh leis an t-sruth is leis a’ ghaoith. Leis nach robh acair aice tuilleadh, cha b’ urrainn do na daoine stad a chur oirre.
Bha e a’ fàs dorch. Rinn feadhainn ann an geòla air a’ chladach ann an cabhaig airson acair fhaighinn. Ach cha robh iad luath gu leòr. Dh’fhalbh an Linnet, le seachdnar air bòrd, a-steach don dorchadas. Chan e mhà in nach robh acair aca, ach cha robh stiùir air an t-soitheach nas motha.
’S ann beagan là ithean às dèidh sin a chaidh an long-bhriseadh a lorg. Tha aon aithris ann gun robh i bun-os-cionn air Trà igh Bhòinndidh faisg air Banbh. Tha aithris eile ann gun deach aon chorp a lorg faisg air sin. Chaidh oidhirp a dhèanamh, ceart gu leòr, an soitheach a lorg fhad ’s a bha i fhathast aig muir, ach cha robh e soirbheachail. Chailleadh an seachdnar a bh’ air bòrd – ceathrar à Baile an Todhair agus triùir à Baile a’ Chnuic. Thug an call sin droch bhuaidh dha-rìribh air a’ choimhearsnachd.
Sgrìobh fear Artar Ros marbhrann Gà idhlig anns an robh leth-cheud rann’s a sia – a chaidh fhoillseachadh ann an Inbhir Nis. Tha e ag innse gu soilleir na thachair, ach chan urrainn dhomh ach criomag dheth a thoirt dhuibh an-drà sta:
Tha ’n duine truagh gach uile lĂ
a’ dol air thuras dh’ionnsaigh bhà is,
’s gun fhios an t-à m an tèid e ’n sàs –
tha uair a bhĂ is am falach air
Sin an dĂ rna rann. Seo a-nis an t-siathamh is an t-seachdamh rann:
Ach dhiĂąlt i falbh dhaibh uair no dhĂ
is iad ga feuchainn le luchd-ceĂ ird;
ach nuair a thà inig oidhche a’ bhà is,
siud ghabh i an sà l is dh’imich i
Is ged bha à ireamh mhòr air bòrd
ga tarraing suas gu Bail’ an Todhair,
dh’fhalbh i uath’ gun stiùir, gun seòl,
is cha bu deòin leath’ fuireach dhaibh
’S dòcha gum feuch mi air cuspair nas aotruime anns an ath Litir! Ach fà gaibh mi sibh an t-seachdain seo le aon rann chumhachdach eile bhon “Linnet Mhòr”:
Och, a Bhà is, b’ an-iochdmhor cruaidh
thu ann an siud ’m measg thonnaibh ’chuain
dar chuir thu ort do chlogaid chruaidh
is thilg gun truas do shaighead annt’.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 4 Jan 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 5 Jan 2008 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.