
11/01/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 446
Duration: 05:27
Litir 446: Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheà irrd thu buarach!
Lorg mi abairt an latha eile ann an leabhar sheanfhaclan. Tha i a’ buntainn air daoine air a bheil cus cabhaig. Tha uiread de chabhaig orra rudeigin a dhèanamh ’s nach eil iad ga dhèanamh cho math ’s a bu chòir. ’S ann à Siorrachd Pheairt a tha i: Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheà irrd thu buarach! Tha e a’ ciallachadh “Come, stand still, brindled cow! You would be the better of a fetter! Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheà irrd thu buarach!
Air an dearbh latha a leugh mi sin, thà inig mi tarsainn air sreath ghairmean a bhios daoine a’ cleachdadh nuair a tha iad ag èigheachd air beathaichean, agus ag iarraidh orra dhol gan ionnsaigh. Bha iad à Bà ideanach. Ri bò, chanadh muinntir Bhà ideanach “Pruidh-dhè”. Pruidh-dhè.
Chaidh mi gu faclair Dwelly agus bha e ann a sin ceart gu leòr. Pruidh – call to cattle, cow or calf. Bha Pruidh-dhè ann cuideachd, agus pruidh-é agus pruidh-dhè bheag a bharrachd air pruidh seo agus pruigean.
Tha e coltach gun deach na h-abairtean sin bho Ghà idhlig gu Albais no bho Albais gu Gà idhlig, oir tha am faclair Albais agam a’ toirt seo: Prow, Pru, Prui, Prutchee, Ptru, Ptrui, Ptruch, Ptruchie agus Ptrumai mar dhòighean airson a bhith a’ gairm air crodh – agus uaireannan air each no air eich.
’S e an sgoilear Gà idhlig, Alasdair MacBheathain, a sgrìobh am pà ipear mu abairtean à Bà ideanach – oir ’s ann à Bà ideanach a bha e fhèin. Agus thuirt e rudeigin inntinneach mun fhacal a chleachdadh iad airson a bhith a’ gairm air each. Chanadh iad “progaidh”. Progaidh. Thuirt MacBheathain gur ann bhon Albais a thà inig sin don Ghà idhlig, ach gur ann bhon Fhraingis a bha e bho thùs – bho approchez.
Cha chreid mi nach eil barrachd sa chumantas eadar a’ Ghà idhlig agus Albais na tha sinn ag aideachadh aig amannan. Bidh sibh eòlach, ’s dòcha, air an fhacal a chleachdas daoine airson bruidhinn ri caora no uan – ciridh. ’S ann tric a chuala mi muinntir na Comraich ag èigheachd “Ciridh, ciridh, ciridh!” ri caoraich nuair a bha mi òg. Uill, chaidh mi don fhaclair Albais agus bha am facal K-e-e-r-i-e ann – Keerie –– a call to a lamb or sheep.
Tha cuid de na gairmean eadar-nà iseanta. Mar eisimpleir, puisidh airson bruidhinn ri cat, agus diug no diugaidh airson labhairt ri cearc. Ach bha abairt inntinneach eile aig MacBheathain airson bruidhinn ri cat no piseag – ’s e sin stididh – no uaireannan tididh no stidean no stìdean. Bha e fhèin dhen bheachd gun tà inig iad sin bho Albais gu Gà idhlig oir tha cheet no cheetie ann an Albais a’ ciallachadh cat no piseag. Anns an t-seann Bheurla bha chit a’ ciallachadh beathach òg no piseag agus cluinnear kit fhathast airson cuilean sionnaich ann am Beurla.
Ach dè chanas sinn ri cù? Uill, tha facal agam a bhios mi ag èigheachd ris a’ chù agam agus bidh e an-còmhnaidh a’ tighinn thugam. Nise, feumaidh mi rà dh nach eil Beurla aig a’ chù agam ann. ’S e cù Gà idhealach a th’ ann agus ’s e abairtean Gà idhlig an aon fheadhainn air a bheil e eòlach. Mholainn sin do dhuine sam bith agaibh a tha a’ beachdachadh air cuilean fhaighinn. Cùm Gà idhlig ris. Cha leig thu leas ach beagan abairtean ionnsachadh, agus tha e uabhasach math airson a bhith a’ toirt air clann, aig nach eil ach Beurla, beagan Gà idhlig fheuchainn.
Agus an cù agamsa? Dè dh’èigheas mi ris a bheir e air ais thugam nuair a tha e a’ ruith sa phà irc? Dè th’ ann ach “Briosgaid!”
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 11 Jan 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 12 Jan 2008 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.