
01/02/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 448
Duration: 05:20
Litir 448: An t-Seamrag
Nach iongantach an lus an t-seamrag? Tha Ă ite sònraichte aice ann am beul-aithris is dualchas na h-Ăireann. Ach a bheil na thathar ag rĂ dh mun t-seamraig fĂŹor? Uill, seo agaibh rann ann am Beurla mun dearbh lus (agus gabhaibh mo leisgeul):
There's a dear little plant that grows in our isle, 'Twas Saint Patrick himself, sure, that set it; And the sun of his labour with pleasure did smile, And with dew from his eye often wet it. It grows through the bog, through the brake, through the mireland And they call it the dear little Shamrock of Ireland
Seadh. Uill, tha cuid ag rĂ dh gur e Naomh PĂ draig fhèin a thug an t-seamrag a dhâĂirinn. Rinn e sin Ă s dèidh gun do chuir e teicheadh air na nathraichean. Tha fuath aig nathraichean don t-seamraig, a rèir beul-aithris. LĂŹon Naomh PĂ draig Ăirinn le cluaintean dhen t-seamraig. Rinn e cinnteach mar sin nach tilleadh nathraichean don eilean.
Ach a bheil e uile-gu-lèir soilleir dè an lus a thâ anns an t-seamraig? O shean, bâ e aâ GhĂ idhlig air clover â seamar. âS e seamar beag â seamrag no, ann an GĂ idhlig na h-Ăireann, seamrĂłg. âS ann bhon Ghaeilge a thĂ inig am facal Beurla â shamrock. âS e an t-seamrag bhĂ n a chanas GĂ idheil na h-Alba ri white clover. Tha am facal aâ nochdadh an siud âs an seo ann an ainmean-Ă ite â mar eisimpleir ann am Beinn na Seamraig anns an Eilean Sgitheanach agus ann an Loch na Seamraig air aâ Pharbh.
Anns na h-eisimpleirean sin, tha mi an dĂšil gur e an clover, Trifolium repens, an lus air a bheil âseamragâ. Ach tha lus eile ann air a bheil âseamragâ uaireannan. âS e sin Oxalis acetosella â the wood sorrel. Tha na duilleagan trĂŹ-bhileach, dĂŹreach mar a tha duilleagan Trifolium.
Tha feadhainn ag rĂ dh gur e Oxalis, seach Trifolium, a chleachd Naomh PĂ draig ann an leasan ainmeil. Cò aige tha fios dè an lus a bhâ ann ach tha e cinnteach gun robh e trĂŹ-bhileach. Thog Naomh PĂ draig e nuair a bha e aâ mĂŹneachadh teagasg na Trianaid. Thuirt e gun robh Athair, Mac agus an Spiorad Naomh fa leth ach nan aon, dĂŹreach mar a tha duilleagan na seamraig.
âS dòcha nach robh e doirbh do na pĂ ganaich GhĂ idhealach gabhail ris an Ă ireamh a trĂŹ mar rud sònraichte no eadhon naomh. Bha trĂŹ sònraichte dhaibh co-dhiĂš. âS ann tric a tha an Ă ireamh sin aâ nochdadh ann an sgeulachdan traidiseanta.
Ach chan eil mi buileach cinnteach cĂ ite a bheil sin aâ fĂ gail na seamraig air a bheil ceithir bileagan air gach duilleig. The four-leaved clover. Ann am mòran chultaran, tha a leithid aâ toirt deagh fhortan don duine a lorgas e. âS e aâ GhĂ idhlig air four-leaved clover âseamrag nam buadhâ â the shamrock of the virtues.
Bhiodh na GĂ idheil, co-dhiĂš ann an Alba, aâ dèanamh ceangal eadar an t-seamrag agus searraich â eich òga. Bhathar ag rĂ dh gum fĂ s seamrag nam buadh far an do rugadh searrach. Bhiodh muinntir Bharraigh, anns an naoidheamh linn deug, aâ tiodhlacadh stuth a bhiodh searrach, a bhâ air Ăšr-bhrèith, aâ cur a-mach. âS e âdubhliathâ a chanadh iad ris an stuth. Agus bha iad aâ creidsinn gun nochdadh seamrag anns an Ă ite far an robh an dubhliath tiodhlaicte seachd bliadhna Ă s dèidh sin. Sin Ă ireamh shònraichte eile â seachd!
Ach dè nĂŹ thu ma lorgas tu seamrag nam buadh? Uill, bhiodh na seann GhĂ idheil ag rĂ dh â ma chuireas tu fod theanga i, gun tig comasan Ăšra thugad â comasan mar an dĂ -shealladh!
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 1 Feb 2008 11:55ĂŰŃż´ŤĂ˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 2 Feb 2008 10:55ĂŰŃż´ŤĂ˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.