
08/02/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 449
Duration: 05:40
Litir 449: An Sguabag Bhealaidh
Tha mi air bruidhinn mu thrà th anns an Litir mun spòrs gheamraidh – cròladh no curling, mar eisimpleir ann an Litrichean ceud, ceathrad ’s a trì (143) agus dà cheud, ceathrad ’s a còig (245). Bha e car duilich dhomh, ge-tà , nach robh mi air mòran a lorg ann an sgrìobhadh ann an Gà idhlig mu dheidhinn na spòrs sin.
Bha mi anns an leabharlann an latha eile agus lorg mi leabhar, a chaidh fhoillseachadh anns an naoidheamh linn deug, anns an robh òran Gà idhlig mu dheidhinn cròladh. ’S mi a bha toilichte! Tha briathrachas anns an òran a tha luachmhor, gu h-à raidh ma tha sinn gu bhith a’ dèanamh ceangal às ùr eadar an spòrs agus an cà nan.
’S e tiotal an òrain An Sguabag Bhealaidh – the broom brush. Mura h-eil sibh eòlach air cròladh, bithear a’ tilgeil chlachan mòra troma air deigh. Bidh feadhainn a’ sguabadh na deighe air thoiseach air a’ chloich. Tha sin a’ leaghadh na deighe agus bidh a’ chlach a’ dol nas fhaide. Mar sin, tha an sguabadh gu math cudromach mar phà irt dhen ghèam. Agus air latha fuar geamhraidh, gu h-à raidh a-muigh air loch reòite, ’s e sguabadh dòigh mhath airson a bhith a’ cumail blà th! Bhathar a’ cleachdadh bealaidh airson an sguabag a dhèanamh, ged a bha seileach air a chleachdadh bho à m gu à m cuideachd.
’S e am fear a sgrìobh an t-òran Pòl Camshron à Blà r Athall no, mar a chanadh iad san à m ud, Blà r an Athall. Rugadh Pòl ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1841). Bha Diùcan Athall am measg nan uaislean a bhrosnaich cròladh. Agus bha na daoine cumanta anns an sgìre sin fhathast gu math Gà idhealach anns an naoidheamh linn deug.
Tha a’ chiad rann a’ dol mar seo: Ged thig oirnne reoth’ ’s gailleann/Chuireas gròigeanaich don teallach/Thèid na cròlaich mach le farum/Chun a’ chath bu dual dhaibh.
’S e cròlach cluicheadair cròlaidh. Sin rud ùr dhomh. Chan fhaca mi am facal sin ann am faclair sam bith. Bha an Camshronach dhen bheachd gur e gaisgich a bh’ anns na cròlaich. Thèid na cròlaich mach le faram, sgrìobh e, nuair a tha daoine nach eil cho treun – na gròigeanaich – air an tà ladh le teas an teine no an teallaich.
Seo an dà rna rann: Gur e an cròladh gaol nam bairean/Bheireas cà il ’s ceòl is carthan/Slà inte crè is spioraid aigne/Nach bi lag no truaillte.
Tha an t-ùghdar gun teagamh a’ moladh a’ ghèam! Agus tha e a’ leantainn le sin anns an ath rann: Thig an t-aoghair, thig am baran/Thig an t-aosta, thig an gallan/Dh’ionnsaigh èire ghlas na carraid/’Thogas tlachd mun cuairt dhith.
’S ann anns a’ cheathramh rann a tha sinn a’ faighinn tuilleadh dhen bhriathrachas co-cheangailte ri cròladh:
“Sìos am bacan,” cluinn an sgiobair/ “Seòl dhomh clach ri taobh na bioraid.”/ Siud air falbh, an èiteag bhinneach/ ’S i air chrith na gluasad.
Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil bacan a’ ciallachadh hack – an rud a tha ceangailte ris an deigh air an cur cròlach a chas mus tilg e clach. Tha seòl dhomh clach ri taobh na bioraid a’ ciallachadh “aim a stone beside the stick” – bioraid no bioran a bh’ air a stobadh anns an deigh airson sealltainn do na cròlaich cà ’ robh an tee. ’S i a’ chloich as fhaisge air an tee a bhuannaicheas an gèam. Gu mì-fhortanach cha do lorg mi a’ Ghà idhlig air tee fhathast.
Agus an èiteag bhinneach? Mìnichidh mi sin an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
GnĂ thas-cainnt na Litreach
* Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le Seirbheis nam MeadhananGà idhlig.
Puing-chĂ nain na Litreach
Broadcasts
- Fri 8 Feb 2008 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 9 Feb 2008 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.