
Logarbaidh
Cuimhneachain bho muinntir na sgìre agus bho feadhainn a bh'ann aig an à m. Reflections from locals and those involved in and affected by the tragedy.
Goirid an dèidh seachd uairean feasgar air an 21mh dhen Dùbhlachd 1988, chaidh toirmrich, là idir, domhainn a chluinntinn anns an adhar os cionn baile beag Logarbaidh ann an ceann an iar-dheas na h-Alba.
Tha ainm a' bhaile air a bhith air bilean an t-shluaigh air feadh an t-saoghail bhon uairsin.
Tha am prògram seo a' comharrachadh fichead bliadhna bhon a thà inig itealan Pan Am 103 a-nuas air Logarbaidh, beagan là ithean ron Nollaig.
Chaill 270 neach am beatha - 259 a bh'air bòrd an itealain agus aon duine deug anns a' bhaile fhèin. B'e boma a bh'air spreadhadh air bòrd an itealain agus tharraing e trì bliadhna deug eile mus deach Abdelbaset Ali Mohmed al-Megrahi a Libya a chur dhan phrìosan ri linn.
Cluinnear muinntir na sgìre a' cuimhneachadh air an oidhche fhèin agus a' bruidhinn mun bhuaidh a thug e orra fhèin agus air an à ite. Cluinnear cuideachd bho fheadhainn a bha 'n sàs ann an seirbheisean èiginn agus comhairleachaidh anns na là ithean an dèidh là imh.
Last on
Broadcasts
- Wed 17 Dec 2008 11:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 17 Dec 2008 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal