Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Fri 8 Jan 2010 11:55

Clip

Litir 547: Comhairle Ghallach

Tha sinn fhathast ann an Gallaibh, a’ toirt sùil air dualchas Gàidhlig na sgìre sin tro bheul-aithris.

O chionn ghoirid lorg mi comhairle Ghallach air a’ bhuaidh a bheir deoch làidir air duine. Tha a’ chomhairle ag innse mun bhuaidh a bheir aon ghlainne, dà ghlainne agus trì glainneachan air neach. Tha mi a’ ciallachadh an sin glainneachan de dh’uisge-beatha.

Mus toir mi a’ chomhairle dhuibh, seo agaibh abairt no dhà: Is miste mi sin – “I’m the worse for that”. Is fheàirrde mi sin – “I’m the better for that”. Cha mhiste mi sin –“I’m not the worse for that”. Agus chan fheàirrde mi sin – “I’m not the better for that”.Seo a’ chomhairle, ma-thà: Aon ghlainne, chan fheàirrde ’s cha mhiste. Dà ghlainne, ’s fheàirrde ’s cha mhiste. Trì glainneachan, ’s miste ’s chan fheàirrde. Tha mi an dòchas gun do thuig sibh sin. Seo e ann am Beurla: One glass, not the better of it and not the worse of it. Two glasses, the better of it and not the worse of it. Three glasses, the worse of it and  not the better of it.

Lorg mi riaghailt eile dhen aon seòrsa agus tha seo a’ tighinn à Gallaibh cuideachd. Tha e a-mach air a’ chorp agus air an anam. The body and the soul. Seo a’ chomhairle: Aon ghlainne, chan fheàirrde ’s cha mhiste mo chorp no m’ anam e. Dà ghlainne, ’s fheàirrde mo chorp e, ’s cha mhiste m’ anam e. Trì glainneachan, ’s miste m’ anam e, ’s chan fheàirrde mo chorp e. Seo e a-rithist: Aon ghlainne, chan fheàirrde ’s cha mhiste mo chorp no m’ anam e. Dà ghlainne, ’s fheàirrde mo chorp e, ’s cha mhiste m’ anam e. Trì glainneachan, ’s miste m’ anam e, ’s chan fheàirrde mo chorp e. Tha mi an dùil gu bheil sibh ag aontachadh!

Nuair a bha mi ann an Gallaibh o chionn ghoirid chunnaic mi seann tobar ri taobh an rathaid mhòir eadar An t-Òrd Gallach agus Bearghdal. Tha feansa timcheall air. Agus tha clach ann air a bheil seo snaighte: “The Grey Hen’s Well. Erected by the Duke of Portland 1934”. Uill, bha mi airson faighinn a-mach ciamar a fhuair an tobar ainm. Agus bu mhath leam faighinn a-mach dè an t-ainm ceart air ann an Gàidhlig. Tobar na Circe Glaise, ’s dòcha?

Rinn mi beagan rannsachaidh agus fhuair mi trì diofar stòiridhean. Tha cuid dhen bheachd gu bheil an t-ainm a-mach air cearcan a’ choilich-dhuibh a bhiodh a’ cruinneachadh anns an àite sin. Tha cuid eile ag ràdh gun robh uaireigin banntrach a’ fuireach faisg air an tobar. Bha grunn nighean aice agus bha iad uile air leth tarraingeach.

Bhiodh fleasgaich na sgìre a’ dol a shuirghe leotha. Ach nuair a thigeadh ciaradh an fheasgair, bhiodh a’ bhanntrach a’ nochdadh airson iarraidh air a nigheanan a dhol dhachaigh. Bha i coltach ri seann chearc a’ trusadh a h-iseanan. Ach saoilidh mi gur e an stòiridh mu dheireadh am fear as coltaiche. Bha banntrach a’ fuireach faisg air làimh. Bha an duine aice air a mharbhadh aig Blàr Bhatairliù. B’ e a far-ainm “The Grey Hen” ann an Gàidhlig – a’ Chearc Ghlas, tha mi an dùil. Às dèidh a bàis thuit an taigh aice às a chèile. Ach chaidh stairsneach an taighe a chur gu feum mar leac an tobair, far an cuir neach a ghlùinean fhad ’s a tha e a’ tarraing uisge.

Agus mòran bhliadhnaichean às dèidh sin, chuir Diùc Phortland a’ chlach shnaighte ann mar chuimhneachan air a’ bhanntraich.

Faclan na Litreach

uisge-beatha: whisky; corp: body; anam: soul; snaighte: engraved,cut into stone; banntrach: widow; cuimhneachan: memorial.

Abairtean na Litreach

comhairle Ghallach air a’ bhuaidh a bheir deoch làidir air duine: Caithnessian advice on the influence strong drink has on a person; is miste mi sin: I’m the worse for that; cha mhiste mi sin: I’m not the worse for that; chan fheàirrde mi sin: I’m not the better for that; chan fheàirrde ’s cha mhiste mo chorp no m’ anam e: my body andsoul are not the better of it and not the worse of it; eadar An t-Òrd Gallach agus Bearghdal: between the Ord of Caithness and Berriedale; gu bheil an t-ainm a-mach air cearcan a’ choilich-dhuibh: that the name recalls hens of the blackcock; a bhiodh a’ cruinneachadh: that would gather; bhiodh fleasgaich na sgìre a’ dol a shuirghe leotha: the young men of the area would go to court them; ciaradh an fheasgair: dusk; airson iarraidh air a nigheanan a dhol dhachaigh: to ask her daughters to go home; coltach ri seann chearc a’ trusadh a h-iseanan: like an old hen gathering her chicks; air a mharbhadh aig Blàr Bhatairliù: killed at the Battle of Waterloo; às dèidh a bàis thuit an taigh aice às a chèile:after her death, her house fell to pieces; chaidh stairsneach an taighe a chur gu feum mar leac an tobair: the house’s doorstep was used as the well’s slab; far an cuir neach a ghlùinean fhad ’s a tha e a’ tarraing uisge: where a person places his knees while he is drawing water.

Puing-chĂ nain na Litreach

Bha grunn nighean aice agus bha iad uile air leth tarraingeach: she had several daughters and they were all exceptionally attractive. When anoun of quantity eg mòran, beagan, tòrr, barrachd, tuilleadh is used to command another noun, the second goes in the genitive case. With singular examples, we’d say mòran airgid, beagan foghlaim, barrachd bìdh, tuilleadh òir, using the genitive forms of airgead, foghlam, biadh and òr. The same applies when the second noun is plural – it goes in the genitive plural eg mòran nighean, tòrr bhodach, barrachd chàraichean, tuilleadh thruinnsearan. The [traditional] genitive plural form of nighean is the same as the nominative singular – we say dithis nighean for two daughters ie “two of daughters”.

Gnathas-cainnt na Litreach

gur e an stòiridh mu dheireadh am fear as coltaiche: that the final story is the likeliest (to be true).

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast

  • Fri 8 Jan 2010 11:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast