Main content

15/01/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 15 Jan 2010
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 548
Duration: 05:36
Litir 548: Bana-bhuidseach Bhaile a’ Chlaidh
Tha dà bhaile bheag ann an Gallaibh air a bheil Baile a’ Chlaidh – the township of the cemetery. Tha aon Bhaile a’ Chlaidh faisg air Dùn Bheithe. Tha e rudeigin ainmeil oir lorg airceòlaichean seann rudan inntinneach ann. Ach tha mi airson stòiridh innse dhuibh a tha a’ tighinn bhon Bhaile a’ Chlaidh eile.
Tha sin anns a’ mhonadh letheach-slighe eadar Dùn Bheithe agus Bhatan. Tha an stòiridh a’ tighinn bho bheul-aithris Ghà idhlig na sgìre, agus ’s e an t-ainm a th’ air “Bana-bhuidseach Bhaile a’ Chlaidh”.
Bha boireannach uaireigin air an robh Am Fitheach mar far-ainm. Nise, do na seann daoine, bhiodh fitheach a’ riochdachadh droch rudan. Chanadh iad “Bàs an Fhithich Ort!” mar mhallachd. Bhathar a’ creidsinn gum biodh fithich òga a’ marbhadh nan seann fhitheach. Co-dhiù, cha robh deagh bheachd aig muinntir an à ite air an t-seann bhoireannach.
Bha i a’ fuireach ann am bothag faisg air Baile a’ Chlaidh. Bha muinntir an à ite gu mòr an urra ri math na bà aig an à m ud. Agus cha robh cùisean a’ dol gu math do chuid. Cha robh mòran bainne no cà ise aca. Ge-tà , bha gu leòr de na dhà aig teaghlaichean aig an robh cà irdeas math don Fhitheach. Bha an fheadhainn nach robh a’ dèanamh gu math dhen bheachd gu robh am Fitheach air an cur fo dhroch gheasaibh.
Latha a bha seo, air Latha na Bealltainne, thà inig boireannach à Meaghrath a chèilidh air a’ bhana-bhuidsich airson a comhairle fhaighinn. Ach lorg i am Fitheach ritaobh allt. Bha i a’ rà cadh an fheòir le sìoman; ceangailte ris an t-sìoman bha badan fraoich. Bha am Fitheach ri buidseachd an aghaidh nan tuathanach.
Gu tric bhiodh daoine a’ faicinn geà rr am measg a’ chruidh. Chaidh coin a chur an tòir oirre. Ach cha deach aig na coin air a’ gheà rr a ghlacadh. Bhiodh a’ gheà rr a’ faighinn air falbh le bhith a’ ruith a dh’ionnsaigh a’ chlaidh.
Aig amannan bhiodh daoine a’ faicinn na geà rra ann am Camstar– an sgìre gu sear air Baile a’ Chlaidh, thairis air a’ mhonadh. Tha aon chnoc gu deas air Baile a’ Chlaidh air a bheil “Cnoc na Geà rra” ach chan urrainn dhomh a rà dh co-dhiù chaidh ainmeachadh airson na geà rra seo.
Mhothaich na daoine gum biodh a’ gheà rr an-còmhnaidh a’ ruith anns na frithrathaideanaig na caoraich. Chuir fear dhiubh ribe ann am frith-rathad. Airson an ribe adhìon an aghaidh buidseachd, rinn e an cnagan de dh’fhiodh caorainn. Bidh fios agaibh uile gu bheil a’ chraobh-chaorainn ag obair an aghaidh buidseachd.
Co-dhiù, chaidh geà rr a ghlacadh anns an ribe. Ach nuair a rà inig an duine i, cha b’ egeà rr a bh’ innte ach boireannach. Am Fitheach. Bhon latha sin a-mach, bha droch fhortan aig an duine. Beagan mhìosan às dèidh sin, chaidh a bhà thadh ann an Uisge Theòrsa.
Tha crìoch neònach air an stòiridh. Bha dà thursa mhòr nan seasamh faisg air là imh. Chaidh am Fitheach don chiad tursa. Ruith i timcheall air seachd tursan deiseil, an uair sin seachd tursan tuathail. Rinn i an aon rud aig an tursa eile. Shuidh i air mullach na cloiche is thà inig i sìos. Rinn i sin seachd tursan. Agus rinn i an dearbh rud air an tursa eile.
Dà latha às dèidh sin, chunnacas i a’ coiseachd a dh’ionnsaigh a’ chinn a deas. Shuidh i greis air à irde a chaidh ainmeachadh Creag an Fhithich às a dèidh. Agus lean ioirre. Chaidh i tarsainn an Ùird Ghallaich agus cha chuala muinntir Ghallaibh guth oirre tuilleadh.

Faclan na Litreach
Baile a’ Chlaidh: Ballachly; bana-bhuidseach: witch; fitheach: raven;bothag: small bothy; Latha na Bealltainne: the day of Beltane; geà rr: hare; ribe: snare;deiseil: sunwise; tuathail: anti-sunwise; chunnacas: was seen.
Abairtean na Litreach
lorg airceòlaichean seann rudan inntinneach: archaeologists foundinteresting old things; anns a’ mhonadh letheach-slighe eadar Dùn Bheithe agus Bhatan: on the hill country halfway between Dunbeath and Watten; bhiodh fitheach a’ riochdachadh droch rudan: a raven would represent bad things; bhathar a’ creidsinn gum biodh fithich òga a’ marbhadh nan seann fhitheach: it was believed that young ravens would kill the old ravens; cha robh deagh bheachd aig X air Y: X did not have a good opinion of Y; an urra ri math na bà aig an à m ud: dependent upon dairy products at that time; bha gu leòr de na dhà  aig X: X had enough of both; teaghlaichean aig an robh cà irdeas math do X: families that had a good relationship with X; air an cur fo dhroch gheasaibh: had put them under a bad spell; thà inig boireannach à Meaghrath a chèilidh air: a woman came from Reay to visit; airson a comhairle fhaighinn: to get her advice; a’ rà cadh an fheòir le sìoman: raking the grass with a heather rope; badan fraoich: clumps of heather; buidseachd an aghaidh nan tuathanach: witchcraft against the farmers; am measg a’ chruidh: among the cattle; chaidh coin a chur an tòir oirre: dogs were set after it; cnagan de dh’fhiodh caorainn: a peg of rowan wood; chaidh a bhà thadh ann an Uisge Theòrsa: he was drowned in the ThursoRiver; tarsainn an Ùird Ghallaich: over the Ord of Caithness.
Puing-chĂ nain na Litreach
dà bhaile bheag: two small settlements. This is a revision ofa point made in a couple of earlier Litrichean – how to deal with an adjective qualifying anoun that is in the dual case following dà . It is lenited (if it can be). That is why I also saiddà thursa mhòr (two large standing stones), and it is the reason we say dà X dheug for 12x’s regardless of the gender of the noun x – eg dà bhogsa dheug (masc) and dà bhròigdheug (fem). Deug works like an adjective and it is always lenited in the dual case. Hereare some other examples: dà bhonnach bheag (two small cakes), dà chù dhubh (two blackdogs), dà ubhal mhòr (two large apples).
Gnathas-cainnt na Litreach
death of the raven be upon you! AÂ curse.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 15 Jan 2010 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.