Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sat 23 Jan 2010 10:55

Clip

Litir 549: Bodach Dubh na Mòr-bheinne

’S e am Bràigh Mòr am baile as fhaisge air a’ bheinn as àirde ann an Gallaibh – a’ Mhòr-bheinn. Aig 706 meatair os cionn na mara, chan eil a’ bheinn cho àrd sin. Ach tha cumadh brèagha oirre. Co-dhiù, ’s e baile croitearachd a bh’ anns a’ Bhràigh Mhòr, anns an robh sluagh rudeigin mòr a’ fuireach anns an t-seann aimsir. Agus bhiodh na daoine ag innse sgeulachdan do chèile, mar a bhitheadh air feadh na Gàidhealtachd. 

Tha mi airson tè dhiubh innse dhuibh an-dràsta – Bodach Dubh na Mòr-bheinne. O chionn fhada nochd coigreach, le falt dubh, anns an sgìre. Bha droch bhliadhna air a bhith ann. Cha do dh’fhàs am bàrr gu math. Cha robh mòran bìdh aig na daoine. Agus chaidh an coigreach bho dhoras gu doras, a’ sireadh biadh. Ge-tà, cha dorinn e obair sam bith airson a chuid bìdh. Chùm muinntir a’ Bhràigh Mhòir coinneamh agus cho-dhùin iad nach robh iad a’ dol a thoirt biadh don choigreach tuilleadh.

An ath latha, chaidh an srainnsear gu taigh agus dh’iarr e biadh. Chaidh a dhiùltadh. Dh’fhalbh e don ath thaigh agus dh’iarr e biadh. Chaidh a dhiùltadh a-rithist. Thachair sin anns a h-uile taigh. Dh’fhàs an coigreach feargach. Bha aon mhuileann anns an sgìre. Chaidh an coigreach – a bha gu math làidir – don mhuileann. Thog e a’chlach uachdarach, chuir e air a ghualainn i, agus choisich e air falbh a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne. Às aonais na cloiche, chan obraicheadh am muileann. Agus chan fhaigheadh muinntir an àite min-choirce.

Chan fhacas an coigreach a-rithist ach thòisich crodh is caoraich a bhith a’ dol à fianais. Chùm muinntir an àite faire. Airson beagan làithean chan fhaca iad dad. An uair sin chunnaic iad an coigreach. Bha e air fàs mòr mòr. ’S e famhair a bh’ ann. Bha boghais saighdean aige. Loisg e an damh as fheàrr sa mhonadh le saighead. Chuir e an damh air a ghualainn agus chaidh e dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne. Dh’fhalbh na fir às a dhèidh ach thàinig ceò tiugh a-nuas orra agus chaidh am Bodach Dubh à sealladh.

Mar a chaidh an ùine seachad, bha muinntir an àite a’ call rudan prìseil bho na taighean aca. Chan fhaca duine am mèirleach. Ach bha iad deimhinne gur e am Bodach Dubh a bu choireach. Chunnaic iad grunn tursan e ach, gach turas a rachadh iad an tòir air, bhiodh e a’ ruith a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne agus thigeadh an ceò a-nuas orra.
Chuala na daoine mu bhoireannach ann an Cataibh aig an robh bràthair a bha a’ fuireach air a’ Mhòr-bheinn. Lorg iad am boireannach. Dh’aidich i gum b’ i piuthar a’Bhodaich Dhuibh. Dh’inns i dhaibh mar a bhriseadh iad cumhachd a’ Bhodaich air a’cheò air a’ Mhòr-bheinn. Bha aon latha sa bhliadhna nuair nach robh an cumhachd sinaige. B’ e sin an seachdamh latha dhen t-seachdamh mìos.

Air an t-siathamh latha dhen Iuchar, chruinnich na fir faisg air a’ Mhòr-bheinn. An ath mhadainn, air an t-seachdamh latha, nochd am Bodach Dubh. Bha e ag iomain crodh. Leum na fir a-mach. Dh’fhalbh am Bodach aig peilear a bheatha a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne. Dh’èigh e faclan neònach ann an Gàidhlig, feuch an ceò a thoirt a-nuas air a’ bheinn. Ach cha tàinig an ceò an turas seo. Agus chunnaic na daoine am Bodach, agus e a’ dol à sealladh tro fhosgladh air cliathaich na beinne. Agus dè thachair an uair sin? A uill, gheibh sibh sin a-mach an ath-sheachdain!

Faclan na Litreach

Am Bràigh Mòr: Braemore; croitearachd: crofting; coigreach,srainnsear: stranger; bàrr: crops; feargach: angry; muileann: mill; min-choirce:oatmeal; chan fhacas: wasn’t seen; famhair: giant; Cataibh: Sutherland; seachdamh:seventh; ag iomain: driving (cattle); chruinnich: gathered.

Abairtean na Litreach

tha cumadh brèagha oirre: it has a beautiful shape; sluaghrudeigin mòr: a fairly large population; mòran bìdh: much food; a’ sireadh biadh:looking for food; airson a chuid bìdh: for his food; chaidh a dhiùltadh: he was refused;a’ chlach uachdarach: the upper stone [of the mill]; às aonais na cloiche: without thestone; chan obraicheadh am muileann: the mill would not work; bogha is saighdean: abow and arrows; an damh as fheàrr sa mhonadh: the best bullock on the hill; thàinigceò tiugh a-nuas orra: a thick mist descended upon them; a’ call rudan prìseil: losingvaluable things; gach turas a rachadh iad an tòir air: every time they would go in pursuitof him; dh’aidich i gum b’ i piuthar a’ Bhodaich Dhuibh: she admitted she was theBodach Dubh’s sister; an siathamh latha dhen Iuchar: 6th of July; aig peilear a bheatha:at great speed; a’ dol à sealladh: going out of sight; tro fhosgladh air cliathaich nabeinne: through an opening in the side of the mountain.

Puing-chĂ nain na Litreach

Bodach Dubh na Mòr-bheinne: The Black Bodach of Morven (also called The Giant of Morven). In some old place names, and some which were modifications/translations from Old Norse, the adjective precedes the noun. A’ Mhòr-bheinn is an example (and remember we tend to use the article in Gaelic even if it’s not on the maps). You can deal with it just as you would with any compound noun.
The basic noun of the compound is beinn so that is the word which will inflect withcase. We’d say mullach na beinne so we say mullach na mòr-bheinne. We wouldn’tlenite beinn in the genitive singular so we don’t lenite mòr. But we do lenite beinn inthe compound because of the influence of the preceding adjective. Similarly we’d saymullach na corra-bheinne (the summit of the steep hill). A dh’ionnsaigh na Mòrbheinneworks in the same way (a dh’ionnsaigh is a compound preposition andtherefore takes the genitive).

Gnathas-cainnt na Litreach

Dh’èigh e faclan neònach ann an Gàidhlig, feuch an ceòa thoirt a-nuas: he shouted strange words in Gaelic, in an attempt to bring down themist.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

  • Fri 22 Jan 2010 11:55
  • Sat 23 Jan 2010 10:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast