Main content

29/01/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 29 Jan 2010
11:55
ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 550
Duration: 05:01
Litir 550: Bodach Dubh na Mòr-bheinne.
Halò a-rithist. Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd thraidiseanta às a’ Bhrà igh Mhòr ann an Gallaibh – Bodach Dubh na Mòr-bheinne. Bha na fir an tòir air a’ Bhodachair an t-seachdamh latha dhen Iuchar. Ruith am Bodach air falbh aig peilear a bheatha a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne. Dh’èigh e faclan neònach ann an Gà idhlig, feuch an ceò a thoirt a-nuas. Ach cha tà inig an ceò an turas seo. Cha robh cumhachd mar sin aige air an t-seachdamh latha dhen t-seachdamh mìos.
Chunnaic na daoine am Bodach, agus e a’ dol à sealladh tro fhosgladh air cliathaich na beinne. Nuair a chaidh na fir faisg air an fhosgladh, chuala iad am Bodach. Bha e fhathast ag èigheach faclan dìomhair ann an Gà idhlig, feuch an ceò a thoirt a-nuas.
Bha am Bodach air clach uachdarach a’ mhuilinn a chur thairis air an fhosgladh. Chuir sin stad air na daoine. Agus bha e cunnartach dhaibh tighinn faisg, oir bha am Bodach a’ losgadh saighdean tro shùil na brà than – ’s e sin an toll anns a’ chloich. Mudheireadh, fhuair na fir faisg gu leòr. An uair sin thilg am Bodach a’ chlach don taobh agus leum e a-mach. Ach cha robh e a’ gluasad gu siùbhlach. Bha e cuagach. Chaidh eair falbh agus chaidh na fir a-steach don uaimh aige.
Abair an sealladh! Bha an uamh là n seudan is rudan prìseil de gach seòrsa. Chuir na fir saighead anns an talamh gus nach cailleadh iad am fosgladh, agus ruith iad às dèidh a’ Bhodaich. Loisg iad saighdean air, ach cha d’ fhuair na saighdean tro a chraiceann. Ge-tà , bha na fir air ròpan a chur anns an fhraoch. Thuit am Bodach thairis air fear de na ròpan. Chuir na fir an grèim e agus cheangail iad e leis an ròp. Dh’iarr am Bodach orra a bhith tròcaireach dha. “Thoir m’ ionmhas ach na toir mo bheatha,” thuirt e. “Ma mharbhas sibh mi, chan fhaigh sibh m’ ionmhas gu brà th.”
“Amaideas!” thuirt na fir. “Ciamar a bheir e an t-ionmhas bhuainn nuair a tha e marbh?”
“Thug mi crodh, biadh is ionmhas bhuaibh, ceart gu leòr,” thuirt am Bodach, “ach cha do mharbh mi aon duine. ’S e beatha duine an rud as prìseile fon ghrèin agus am fear a bheir beatha duine air falbh, cha bhi e beartach a-chaoidh. Tha na cnuic agus nabeanntan a’ toirt biadh dhuibh agus, mar dhìoladh, tha mi air a bhith a’ toirt cuid de ur n-ionmhas.”
Bha am Bodach, a rèir choltais, a’ riochdachadh spiorad na beinne. Ach cha robh fir a’ BhrĂ igh Mhòir airson èisteachd ris. Rinn iad teine mòr agus thilg iad am Bodach ann.Â
Ach nuair a thill iad a dh’uamh a’ Bhodaich, far an robh an saighead a’ stobadh anns an talamh, cha do lorg iad aon saighead. Bha na ceudan saighdean ann air feadh na beinne, agus cha robh sgeul air a’ chloich mhuilinn no air an uaimh. Agus cha do lorg iad an t-ionmhas.
Bhon uair sin chunnaic grunn luchd-coiseachd a’ chlach mhuilinn air a’ bheinn. Ach, nuair a thug iad muinntir an à ite ann airson a faicinn, cha robh sgeul oirre. Agus tha ceithir fichead bliadhna air a dhol seachad bhon turas mu dheireadh a chunnacas i.
Ach,nuair a chluinnear tà irneanaich air a’ Mhòr-bheinn, tuigidh sibh gur e sin guth a’ Bhodaich Dhuibh. Tha e a’ toirt rabhadh do dhaoine gun a bhith a’ dol faisg air an ionmhas a bhuineas – chan ann dhaibhsan – ach dha fhèin agus don bheinn.

Faclan na Litreach
Am Brà igh Mòr: Braemore; cunnartach: dangerous; cuagach:limping; tròcaireach: merciful; amaideas: foolishness; bhuaibh: from you; ceudan:hundreds; luchd-coiseachd: walkers.
Abairtean na Litreach
tha mi a’ dol a chur crìoch air: I’m going to finish; an tòir air: inpursuit of; feuch an ceò a thoirt a-nuas: in an attempt to bring the mist down; à sealladh tro fhosgladh air cliathaich na beinne: out of sight through an opening in the side of the mountain; ag èigheach faclan dìomhair: shouting mysterious words; bha X air clach uachdarach a’ mhuilinn a chur thairis air: X had put the upper quern stone over; a’ losgadh saighdean: firing arrows; an toll anns a’ chloich: the hole in the stone; thilg X a’chlach don taobh: X threw the stone aside; a’ gluasad gu siùbhlach: moving fluidly; a-steach don uaimh aige: into his cave; là n seudan is rudan prìseil: full of jewels andvaluable things; gus nach cailleadh iad am fosgladh: so they wouldn’t lose the opening; tro a chraiceann: through his skin; bha na fir air ròpan a chur anns an fhraoch: the men had put ropes in the heather; thoir m’ ionmhas ach na toir mo bheatha: take my treasure but don’t take my life; ’s e beatha duine an rud as prìseile fon ghrèin: a man’s life is themost valuable thing there is; cha bhi e beartach a-chaoidh: he will never be rich; mar dhìoladh, tha mi air a bhith a’ toirt cuid de ur n-ionmhas: in compensation, I’ve beentaking some of your riches; a’ riochdachadh spiorad na beinne: representing the mountain spirit; airson a faicinn: to see it; cha robh sgeul oirre: there was no sign of it;nuair a chluinnear tà irneanaich: when thunder is heard; a bhuineas do: which belongs to.
Puing-chĂ nain na Litreach
tro shùil na brà than: through the hole in the millstone.The hole in the millstone is literally “the eye of the quern”. Brà than is the (irregular) genitive singular form of brà , a quern. The upper stone, which I have referred to in the Litir as a clach uachdarach can also be called a brà à rd; the lower stone on which theclach uachdarach moves is the clach ìochdarach or brà ìosal. If you’d like to know more about the Gaelic vocabulary associated with traditional milling of grain, looking under“brà ” in Dwelly’s dictionary.
Gnathas-cainnt na Litreach
Ruith am Bodach air falbh aig peilear a bheatha: theBodach ran for his life [lit. at the bullet of his life].
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcast
- Fri 29 Jan 2010 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.