
02/07/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 572
Duration: 04:57
Litir 572: An t-Urramach Alexander Pope
An cuala sibh riamh mun Urramach Alexander Pope? Bha e na mhinistear ann am Meaghrath ann an Gallaibh anns an ochdamh linn deug. Bha Gà idhlig aige – gu dearbh, ’s e coitheanal Gà idhlig a bh’ aige.
Chan eil mi cinnteach dè chanadh muinntir an à ite ris ann an Gà idhlig. Tha ainm athar air a chlà radh ann am Beurla mar Hector Paip agus Hector Pope. Ach, leis nach eil mi cinnteach mu dheidhinn sin, canaidh mi Alexander Pope. Ach tha aon rud cinnteach – nuair a thathar a’ bruidhinn air dualchas Gà idhlig Ghallaibh chan urrainn Mgr Pope fhà gail an dà rna taobh.
Thogadh e ann an Loth ann an Cataibh. Bha athair na mhinistear anns an Eaglais Easbaigich. Ach chaidh Alexander a-null gu Eaglais na h-Alba. Rinn e ceum ann an diadhachd ann an Obar Dheathain. A bharrachd air a’ Ghà idhlig, bha comas aige anns na cà nanan clasaigeach.
’S e duine foghainteach là idir a bh’ ann agus bhiodh e a’ seasamh ùghdarrais le bata a chumadh e na dhòrn. Bhiodh e a’ cleachdadh a’ bhata air muinntir a’ choitheanail airson am “brosnachadh” a dh’ionnsaigh na h-eaglaise. Nam faiceadh e daoine ri spòrs no dibhearsain air an t-Sà baid, rachadh e a-mach leis a’ bhata airson an iomain don eaglais. Bha ainm aige air a’ bhata – “am bà illidh”.
Seo stòiridh a chaidh a chlà radh mu dheidhinn, ged nach urrainn dhomh dearbhadh co-dhiù tha e fìor gus nach eil. Bha fear dom b’ ainm Dòmhnall air iomall na sgìre a bha a’ diùltadh a-muigh no mach a dhol don eaglais. Bha am ministear air fios a chur thuige gu tric, ag iarraidh air dhol don mhansa. Ach dhiùlt Dòmhnall. Mar sin, chuir Mgr Pope roimhe dhol a chèilidh air Dòmhnall.
Latha a bha seo, chaidh am ministear gu taigh Dhòmhnaill. Rà inig e an taigh anmoch feasgar agus cha do dh’inns e do Dhòmhnall cò e. Bhiodh na Gà idheil a’ toirt cuid na h-oidhche do dhuine sam bith air an robh feum, agus fhuair am ministear fà ilte is furan.
Chuir an dithis am feasgar seachad còmhla ann an deagh shunnd, le seanchas gu leòr. Thà inig an t-à m airson a dhol a laighe agus thuirt Mgr Pope, “Feumaidh tu ùrnaigh a ghabhail, a Dhòmhnaill.”
“Cha dèan mi sin,” fhreagair Dòmhnall.
“Feumaidh tu,” thuirt Mgr Pope. “Bheir mi ort a dhèanamh, agus air do ghlùinean.”
“Huh,” arsa Dòmhnall. “Cha b’ urrainn do eadhon Mgr Pope, am ministear, toirt orm ùrnaigh a ghabhail, là idir ’s ged a tha e.”
“Is mise Mgr Pope,” thuirt am ministear. “Agus leis gur e peacach rag-mhuinealach a th’ annad, tha mi a’ toirt òrdugh dhut dhol air do ghlùinean no bidh thu a’ gabhail aithreachas.”
Bha Dòmhnall feargach. Sheas e an aghaidh a’ mhinisteir. Rinn an dithis sabaid len dùirn. Agus ’s e Mgr Pope a thug buaidh. Ghèill Dòmhnall dha agus ghabh e ùrnaigh.
Thà inig atharrachadh air Dòmhnall air an oidhche sin. Thòisich e air a dhol don eaglais is dh’èirich e gu bhith na èildear. Thathar ag rà dh gun robh spèis mhòr aige don mhinistear agus aig a’ mhinistear dhasan.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach:
An cuala sibh mun Urramach Alexander Pope?: have you heard of the Rev Alexander Pope?; dè chanadh muinntir an à ite ris: what the local people called him; tha ainm athar air a chlà radh: his father’s name is recorded; nuair a thathar a’ bruidhinn air dualchas Gà idhlig Ghallaibh: when the Gaelic heritage of Caithness is being spoken of; chan urrainn X fhà gail an dà rna taobh: X can’t be left out; anns an Eaglais Easbaigich: in the Episcopalian Church; ceum ann an diadhachd ann an Obar Dheathain: a divinity degree in Aberdeen; na cà nanan clasaigeach: the classical languages; bhiodh e a’ seasamh ùghdarrais le bata a chumadh e na dhòrn: he would back up his authority with a stick he kept in his fist; airson am “brosnachadh”: to “encourage” them; nam faiceadh e daoine ri spòrs no dibhearsain air an t-Sà baid: if he saw people involved in sports or fun on the Sabbath; rachadh e a-mach airson an iomain don eaglais: he would go out and drive them to church; a’ diùltadh a-muigh no mach: refusing outright; ag iarraidh air dhol don mhansa: asking him to go to the manse; chuir X roimhe dhol a chèilidh air Y: X decided to go and visit Y; a’ toirt cuid na h-oidhche do dhuine sam bith: giving a night’s lodging to anybody; bheir mi ort a dhèanamh, agus air do ghlùinean: I’ll force you to do it, and on your knees; là idir ’s ged a tha e: strong and all as he is; leis gur e peacach rag-mhuinealach a th’ annad: since you are a stubborn sinner; sabaid len dùirn: fighting with their fists; ghèill X dha: X submitted to him; gu bhith na èildear: to be an elder; gun robh spèis mhòr aige don mhinistear: that he greatly respected the minister.
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
fear dom b’ ainm ¶Ůòłľłó˛Ô˛ą±ô±ô: a man called Donald.
Ěý
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 2 Jul 2010 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 3 Jul 2010 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.