
23/07/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 575
Duration: 05:00
Litir 575: Seachd Cadalaichean an t-Saoghail
An cuala sibh riamh mun rud ris an canar Seachd Cadalaichean an t-Saoghail? Ann am Beurla canaidh iad The Seven Sleepers of the Earth. Seachd Cadalaichean an t-Saoghail. Thà inig an gnothach gu m’ aire o chionn ghoirid ann an leabhar mun Mhonadh Ruadh anns a bheil seann sgrìobhaidhean aig an eòlaiche-nà dair, Seton Gordon. Bha bodach a bha seo na stalcaire anns a’ mhonadh. Latha a bha seo bha e cuide ri Gordon agus dh’fhaighnich e dheth gu dè bha anns na Seachd Cadalaichean.
Gu mì-fhortanach chan eil an còmhradh gu lèir air a chlà radh agus cha do rinn Gordon liosta de na Seachd Cadalaichean. ’S e an aon fhear a chaidh ainmeachadh eun beag ris an canar a’ bhrù-gheal. ’S e wheatear no stonechacker a chanas daoine ris ann am Beurla. Ach ’s dòcha gun robhar a’ ciallachadh a’ chlacharain no stonechat.
Bha am bodach Gà idhealach dhen bheachd gun robh a’ bhrù-gheal a’ cur seachad a’ gheamhraidh le bhith a’ faighinn cadal na feòraig no cadal a’ gheamhraidh. Thuirt e ri Gordon gum fac’ e an t-eun seo a’ tighinn a-mach à toll anns an talamh as t-earrach. Feumaidh gun robh an t-eun dìreach a’ dùsgadh às dèidh a’ gheamhraidh.
Uill, cha robh Gordon ag aontachadh ris idir. Bha fianais là idir ann, sgrìobh e, gum bi a’ bhrù-gheal a’ geamhrachadh ann an tìrean cèin agus a’ tilleadh a Bhreatainn as t-earrach. Chan e “cadalaiche” a th’ ann idir.
Bha mi airson faighinn a-mach dè na creutairean eile a bh’ air an tomhas anns an t-seann aimsir mar Sheachd Cadalaichean an t-Saoghail. Rinn mi beagan rannsachaidh air a’ chuspair. Ma tha sibh eòlach air fèilltean nan Eaglaisean Crìosdail, ’s dòcha gum bi fios agaibh gun robh Fèill nan Seachd Cadalaichean ann aig an à m seo dhen bhliadhna – air an t-seachdamh latha fichead (27) dhen Iuchar.
Bha an fhèill sin stèidhichte air tachartas ann an Ephesus, a tha an-diugh san Tuirc, timcheall na bliadhna 250 AC. Bha seachdnar fhear òga ann an Ephesus a bha nan Crìosdaidhean. Dhiùlt iad adhradh a dhèanamh do dh’ìomhaigh mar a dh’iarr an t-Ìmpire orra. Theich iad gu uamh anns na beanntan. Ach dh’òrdaich an t-Ìmpire beul na h-uamha a dhùnadh, agus na fir na broinn.
Bha dùil gun robh an seachdnar air bàs fhaighinn. Ach anns a’ bhliadhna ceithir cheud, seachdad ’s a naoi (479) AC, bhris tuathanach a-steach don uaimh. Fhuair e a-mach nach robh na fir marbh. Bha iad dìreach air a bhith nan cadal. Nuair a chaidh iad a dh’Ephesus chunnaic iad gun robh Crìosdachd air a bhith buadhach agus bha iad air leth toilichte. Chomharraich an Eaglais an gnothach mar mhìorbhail.
Cha d’ fhuair mi a-mach a bheil ceangal sam bith ann eadar an traidisean Crìosdail agus na bha bodach a’ Mhonaidh Ruaidh a’ ciallachadh. Bha esan a’ bruidhinn air seachd creutairean a tha a’ cur seachad a’ gheamhraidh nan cadal mus èirich iad às ùr as t-earrach. Ach carson a thathar a’ tomhas gu bheil seachd ann? Chan eil mi cinnteach.
Co-dhiù, fhuair mi fiosrachadh mun chùis co-cheangailte ri cà nan a tha gu math dlùth ris an tè againn fhèin – Gà idhlig Eilean Mhanainn. Agus innsidh mi dhuibh dè th’ anns na Seachd Cadalaichean Manainneach an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Seachd Cadalaichean an t-Saoghail: The Seven Sleepers of the Earth; leabhar mun Mhonadh Ruadh anns a bheil seann sgrìobhaidhean aig an eòlaiche-nà dair: a book about the Cairngorms in which there are old essays by the naturalist; bha bodach a bha seo na stalcaire: this particular old guy was a stalker; latha a bha seo bha e cuide ri: one day he was with; chan eil an còmhradh gu lèir air a chlà radh: the entire conversation is not recorded; ’s dòcha gun robhar a’ ciallachadh X: perhaps X was meant; gum fac’ e an t-eun seo a’ tighinn a-mach à toll: that he saw this bird coming out of a hole; a’ geamhrachadh ann an tìrean cèin: overwintering in foreign lands; fèilltean nan Eaglaisean Crìosdail: the festivals of the Christian Churches; air an t-seachdamh latha fichead dhen Iuchar: on the 27th of July; seachdnar fhear òga: seven young men; dhiùlt iad adhradh a dhèanamh do dh’ìomhaigh mar a dh’iarr an t-Ìmpire orra: they refused to worship an image as the Emperor demanded of them; dh’òrdaich an t-Ìmpire beul na h-uamha a dhùnadh, agus na fir na broinn: the Emperor ordered the mouth of the cave to be blocked, with the men inside; nach robh na fir marbh: that the men were not dead; air a bhith nan cadal: had been asleep; gun robh Crìosdachd air a bhith buadhach: that Christianity had been victorious; mus èirich iad às ùr as t-earrach: before they arise anew in spring; gu math dlùth ris an tè againn fhèin: very close to our own [language].
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Thà inig an gnothach gu m’ aire: the matter came to my attention.
Ěý
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 23 Jul 2010 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 24 Jul 2010 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.