
16/07/2010
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 574
Duration: 05:21
Litir 574: Beul-aithris GhĂ idhlig ann an Gallaibh
Bha An t-Urr Alexander Pope na mhinistear ann am Meaghrath ann an Gallaibh anns an ochdamh linn deug. Anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, trithead ’s a naoi (1739) no mar sin, chruinnich e beul-aithris Ghà idhlig ann an Gallaibh. Ann am bliadhna nuair a tha am Mòd Nà iseanta gu bhith ann an Gallaibh, saoilidh mi nach dèan e cron sam bith sùil a thoirt air an obair aige.
Am measg na chruinnich e bha Duan Diarmaid. Seo na sgrìobh e fhèin mu dheidhinn: Tha bodach anns an sgìre seo a bheir dheth a bhonaid gach turas a ghabhas e “Duan Diarmaid”. Fhuair mi a-steach don taigh agam e, thug mi botal leann dha agus dh’iarr mi air “Duan Diarmaid” a ghabhail. Às dèidh còmhradh beag, thuirt e gun dèanadh e sin airson ministear a pharaiste a thoileachadh ach thug e a bhonaid dheth. Dh’iarr mi air stad agus a bhonaid a chur air. Ach thug e leisgeul air choreigin.
Cho luath ’s a thòisich e air seinn, dh’èirich mi agus chuir mi a bhonaid air a-rithist. Rinn e guidheachan agus dhiùlt e an tuilleadh a ghabhail mura leiginn leis a cheann fhà gail gun cheann-bheart. Thug mi a shaorsa dha agus sheinn e gu foghainteach. An uair sin dh’fhaighnich mi dheth gu dè an t-adhbhar a bh’ aige [a bhith a’ seinn gun cheann-bheart]; thuirt e rium gur e urram don ghaisgeach a bu choireach [a’ ciallachadh Diarmaid]. Dh’fhaighnich mi dheth an robh e dhen bheachd gun robh spiorad a’ ghaisgich an là thair; thuirt e nach robh ach gun robh e iomchaidh dhaibhsan a bha na shliochd a bhith a’ toirt urram do a chuimhne.
Tha ochdad ’s a còig loidhnichean anns an duan. Chan eil e furasta a leughadh oir cha do sgrìobh Mgr Pope a’ Ghà idhlig leis an t-siostam litreachaidh a th’ againn an-diugh. Tha an duan a-mach air mar a mharbh Diarmad an torc nimhe airson dearbhadh do Fhionn MacCumhail gun robh e airidh air Grà inne a bhith aige mar bhean-chèile.
’S aithne dhomh trì à iteachan ann an Alba far a bheilear ag rà dh gun do mharbh Diarmad an torc – Gleann Sìdh, Tòrr an Tuirc faisg air an Òban agus Beinn Laghail ann an Dùthaich MhicAoidh. De na trì à iteachan sin, ’s e Beinn Laghail as fhaisge air Meaghrath ann an Gallaibh. Gu dearbh, chithear a’ bheinn à Meaghrath air latha soilleir. Ach gu h-inntinneach tha an duan a chruinnich Mgr Pope ann an Gallaibh a’ gabhail à ite ann an Gleann Sìdh, seach ann an Dùthaich MhicAoidh.
Am measg na chruinnich e tha sgeulachdan na Fèinne a tha a’ toirt a-steach Fionn, Oisean, Oscar, Caoilte is Conlaoch – na laoich air a bheil sinn eòlach bho sgìrean eile. Ach tha stòiridh aige nach fhaca mi ann an à ite sam bith eile – Duan Learmoin. Tha Oisean, mac Fhinn, a’ caoidh mar a chaill rìoghachd athar gu dubh aig là mhan nan Lochlannach.
B’ e Learmon fear cumhachdach a bh’ ann an co-bhanntachd le Fionn. Ach nuair a nochd cabhlach mòr à Lochlann, cha robh Learmon deònach cath a chur. Lagaich sin na Gà idheil agus thug na Lochlannaich buaidh orra. Saoil an robh an sgeulachd sin na chomharra air rudeigin a thachair ann an eachdraidh nan Gà idheal – eadhon ann an Gallaibh – o chionn fhada?
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
cha robh Learmon deònach cath a chur: Learmon wasn’t willing to wage war.
Ěý
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 16 Jul 2010 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 17 Jul 2010 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.