
21/01/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 601
Duration: 05:00
Litir 601: Am Bìoball Gàidhlig
Bha triùir an sàs gu mòr ann a bhith a’ toirt a’ Bhìobaill gu Gàidheil na h-Alba ann an Gàidhlig. B’ iad sin Robert Boyle, mac Iarla Chorcaigh à Èirinn, Seumas Kirkwood, ministear a bha uaireigin a’ fuireach ann an Siorrachd Pheairt, agus Raibeart Kirk, ministear ann an Obar Phuill anns na Tròiseachan. Thug Kirk a-mach am Bìoball Èireannach ann an clò Ròmanach airson Gàidheil na h-Alba ann an sia ceud deug is naochad (1690).
Ach bha an Eaglais fhathast slaodach ann a bhith gan sgaoileadh. Feumaidh gun robh Kirkwood a’ fàs searbh dhen nàimhdeas a bh’ ann don Ghàidhlig. Aig deireadh nan naochadan, dh’fhoillsich e iris airson cleachdadh na Gàidhlig ann an creideamh a bhrosnachadh. ’S e an tiotal a bh’ oirre An Answer to the Objection against Printing the Bible in Irish as being prejudiciall to the designe of extirpating the Irish language out of the Highlands of Scotland. Tha an tiotal ag innse mòran mu shuidheachadh na Gàidhlig aig an àm.
Ach cha do dh’fhàs cùisean mòran na b’ fheàrr. Tron chiad leth dhen ochdamh linn deug cha robh àite sam bith aig a’ Ghàidhlig ann am foghlam. Dhiùlt Ard-sheanadh na h-Eaglaise dàrna iris dhen Bhìoball Èireannach a chur an clò. Agus, ged a bha cuid de mhinistearan a’ cleachdadh a’ Bhìobaill sin anns a’ chùbaid, bha an Eaglais an aghaidh a bhith ga chleachdadh ann an sgoiltean.
’S i a’ bhuidheann a bu mhotha a bha an urra ri foghlam air a’ Ghàidhealtachd an SSPCK – Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge. Aig an toiseach bha iad fada an aghaidh na Gàidhlig. ’S dòcha gu bheil e a cheart cho math gun do chaochail Seumas Kirkwood goirid mus do thòisich na sgoiltean aca. Bha Boyle agus Kirk le chèile marbh mu thràth.
Tro thìde, ge-tà, dh’atharraich an SSPCK. Dh’èirich dragh, ged a bha clann anns na sgoiltean aca a’ leughadh na Beurla, nach robh iad a’ tuigsinn na bha iad a’ leughadh. Agus ghabh an Comunn ris gum biodh a’ Ghàidhlig feumail ann a bhith a’ cuideachadh le ionnsachadh na Beurla.
Ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1741) chaidh leabhar ainmeil fhoillseachadh. B’ e sin am faclair aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair – Leabhar a Theagasc Ainminnin. Ann am Beurla ’s e an t-ainm a bh’ air A Galick and English Vocabulary with An Appendix of the Terms of Divinity in the said Language.
Tha an leabhar sin prìseil dhuinn an-diugh mar chruinneachadh de dh’fhaclan Gàidhlig. Ach, aig an àm sin, rinn an SSPCK soilleir gun robh e “intended as a means to Introduce the English Language more Universally into the Highlands and Islands.”
Bha iad dhen aon bharail trì bliadhn’ deug às dèidh sin. Bhathar a’ foillseachadh iris ùr dhen Tiomnadh Nuadh Èireannach ann an Alba. Leum an SSPCK a-steach. Bha iad ag iarraidh a dhèanamh dà-chànanach, le aon duilleag ann an Gàidhlig agus an duilleag mu a coinneimh ann am Beurla. Ach bha am pròiseact air a dhol ro fhada airson sin a dhèanamh.
Mar sin, chuir an SSPCK romhpa eadar-theangachadh ùr a dhèanamh dhen Tiomnadh Nuadh – ann an Gàidhlig na h-Alba. Chaidh an obair a thoirt do dh’Alasdair MacPhàrlain às an Arar. Ach, mar a chì sinn an ath-sheachdain, ’s e ministear à Siorrachd Pheairt a chuireadh crìoch oirre.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
The Education (Scotland) Act of 1872 is rightly seen as having a calamitous effect on the status and place of the Gaelic language in public life in Scotland. But the churches, most notably the Church of Scotland, in the 17th and 18th Centuries, in refusing to countenance the production of a popular and readable version of the Scriptures in Gaelic for decades, deserve similar castigation. Two figures mentioned in the Litir should be honoured as “gaisgich” – heroes of Gaelic Scotland, for their perseverance in bringing Gaelic translations of the Scriptures – albeit initially in Irish Gaelic – to the congregations of the Gàidhealtachd. These are Rev Robert Kirk and Rev James Kirkwood (both Episcopalian ministers). They worked tirelessly for the language and its speakers and both likely went to the grave in a state of exhaustion because of their endeavours in continually fighting against a hostile religious and educational establishment. We would do well to remember them today, as the struggle for our language continues, albeit in a slightly more supportive milieu.
Gnathas-cainnt na Litreach
Bha iad dhen aon bharail: they were of the same opinion.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 21 Jan 2011 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 22 Jan 2011 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.