
28/01/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 602
Duration: 05:00
Litir 602: An Tiomnadh Nuadh
Ann an seachd ceud deug, leth-cheud ’s a còig (1755), thòisich Alasdair MacPhàrlain às an Arar air eadar-theangachadh dhen Tiomnadh Nuadh gu Gàidhlig na h-Alba. Roimhe sin, ’s e am Bìoball Èireannach, ann an clò Ròmanach, a bha na Gàidheil Albannach a’ cleachdadh. Ach trì bliadhna às dèidh sin, cha robh MacPhàrlain air mòran adhartais a dhèanamh. Thug an SSPCK am pròiseact don mhinistear ann an Cill Fhinn ann an Siorrachd Pheairt, An t-Urramach Seumas Stiùbhart. Thug esan an obair gu buil ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a seachd (1767).
Chaidh Tiomnadh Nuadh ar Tighearna agus ar Slanuigh-fhir Iosa Criosd: Eidir-theangaicht' o'n Ghreugais chum Gaidhlig Albannaich fhoillseachadh ann an Dùn Èideann. Chaidh deich mìle lethbhreac dheth a chlò-bhualadh. Dh’fhaodadh Gàidheil Albannach na sgriobtaran a leughadh nan cànan fhèin. Bha aca ri feitheamh fada ro fhada, ge-tà. Nochd an Tiomnadh Nuadh Gàidhlig dà cheud bliadhna às dèidh an Tiomnaidh Nuaidh ann an Cuimris. Bha e còrr is ceud is seachdad bliadhna às dèidh an Tiomnaidh Nuaidh ann an Gàidhlig na h-Èireann.
Rugadh Seumas Stiùbhart ann an seachd ceud deug (1700) no seachd ceud deug ’s a h-aon (1701) ann an Gleann Fhionnghlais anns na Tròiseachan. Thòisich e mar mhinistear ann an Cill Fhinn ann an seachd ceud deug, trithead ’s a seachd (1737).
Gu h-inntinneach, fhuair e taic na obair bho Shomhairle MacIain – an Sasannach ainmeil – a sgrìobh don SSPCK, gan càineadh airson a bhith a’ diùltadh na sgriobtaran a theagasg do na Gàidheil nan cànan fhèin. Mhol MacIain Seumas Stiùbhart airson na bha e a’ dèanamh mar eadar-theangair. Agus fhuair Tòmas Pennant, am fear-siubhail agus sgrìobhadair Cuimreach, mòran fiosrachaidh mu mhuinntir na Gàidhealtachd bho Sheumas Stiùbhart. Mhol esan am ministear cuideachd, anns an ro-ràdh don leabhar aige mu shiubhal ann an Alba.
Bha Seumas Stiùbhart beò airson dà bhliadhna fichead às dèidh dha crìoch a chur air an Tiomnadh Nuadh. Ach, nuair a chaochail e, bha mòran lethbhreac dhen leabhar fhathast ann an stòras na h-Eaglaise, nach deach a sgaoileadh don phoball.
Chan eil mi cinnteach an robh an Stiùbhartach cho cliùmhor ’s a bu chòir oir, ged a chaidh a thiodhlacadh anns a’ chladh ann an Cill Fhinn, cha deach clach-uaighe a thogail dha. Ceud bliadhna às dèidh a bhàis, ge-tà, thog Comunn Gàidhealach Pheairt carragh-cuimhne dha taobh a-muigh na h-eaglais aige ann an Cill Fhinn. Tha i ann fhathast.
Bha an SSPCK fhathast dhen bheachd gun gabhadh a’ Ghàidhlig a chleachdadh airson litearrachd ann am Beurla a thoirt am feabhas. Ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a sia (1776) chuir iad romhpa an Seann Tiomnadh a thionndadh gu Gàidhlig. ’S e fear de na daoine a bha an sàs anns a’ phròiseict an t-Oll Urr Iain Stiùbhart, Ministear ann an Lus, am mac a bu shine aig Seumas Stiùbhart.
Chaidh crìoch a chur air an t-Seann Tiomnadh ann an ochd ceud deug ’s a h-aon (1801) agus chaidh ochd mìle deug lethbhreac dheth a chlò-bhualadh dà bhliadhna às dèidh sin. Mu dheireadh thall, bha am Bìoball air fad ann an Gàidhlig.
Faclan na Litreach
Tiomnadh Nuadh: New Testament; Cill Fhinn: Killin (Perthshire); An t-Urramach Seumas Stiùbhart: Rev James Stuart (also given as Stewart); sgriobtaran: scriptures; Somhairle MacIain: (Dr) Samuel Johnson; mhol: praised; -à: foreword; clach-uaighe: gravestone; Lus: Luss [on Loch Lomondside]; Seann Tiomnadh: Old Testament.
Abairtean na Litreach
Alasdair MacPhàrlain às an Arar: Alasdair MacFarlane from Arrochar; cha robh X air mòran adhartais a dhèanamh: X had not made much progress; am Bìoball Èireannach, ann an clò Ròmanach: the Irish [Gaelic] Bible in Roman (Latin) type; chaidh deich mìle lethbhreac dheth a chlò-bhualadh: ten thousand copies of it were printed; bha aca ri feitheamh fada ro fhada, ge-tà: they had to wait far too long, however; dà cheud bliadhna às dèidh an Tiomnaidh Nuaidh ann an Cuimris: two hundred years after the New Testament [appeared] in Welsh; Gleann Fhionnghlais anns na Tròiseachan: Glen Fin(g)las in the Trossachs; an Sasannach ainmeil: the famous Englishman; gan càineadh airson a bhith a’ diùltadh na sgriobtaran a theagasg: criticizing them for refusing to teach the scriptures; am fear-siubhail agus sgrìobhadair Cuimreach: the Welsh traveller and writer; airson dà bhliadhna fichead às dèidh dha crìoch a chur air: for 22 years after he had finished; nach deach a sgaoileadh don phoball: which were not [had not been] distributed to the populace; cho cliùmhor ’s a bu chòir: as celebrated as he should [have been]; ged a chaidh a thiodhlacadh anns a’ chladh: although he was buried in the graveyard; às dèidh a bhàis: after his death; gun gabhadh a’ Ghàidhlig a chleachdadh: that Gaelic could be used; airson litearrachd ann am Beurla a thoirt am feabhas: to improve literacy in English; chaidh ochd mìle deug lethbhreac dheth a chlò-bhualadh dà bhliadhna às dèidh sin: 18,000 copies of it were printed two years after that.
Puing-chànain na Litreach
If you go to Killin in Perthshire, make sure you stop outside the Church of Scotland and have a look at the monument to one of Gaelic Scotland’s most significant figures – Rev James Stuart, first translator of the New Testament into Scottish Gaelic. Here’s what’s inscribed on his “carragh-cuimhne” in Gaelic. See if you can translate it: AN CUIMHNE AIR AN DIADHAIR URRAMACH, SEUMAS STIUBHARD, MINISTEAR CHILL-FHINN, RE DHADHEUG AGUS DA FHICHEAD BLIADHNA, 1737 GU 1789, CEUD EADAR-THEANGAIR AN TIOMNAIDH NUAIDH GU GAIDHLIG ALBANNAICH, THOGADH AN CARRAGH SEO LE COMUNN GAIDHEALABH PHEAIRT AGUS LE CAIRDEAN AM BRAIDALBAINN S AN CEARNAIBH EILE O AM BHEIL AINM-SAN CAOMH, RUGADH E 1700, CHAOCHAIL E 1789.
Thug esan an obair gu buil: he completed the work. Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Thug esan an obair gu buil: he completed the work.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 28 Jan 2011 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 29 Jan 2011 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.