
20/05/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 618
Duration: 05:00
Litir 618: Seòras Gunnach
Bha mi ag innse dhuibh mu Sheòras Gunnach – no am Brà isteach Mòr mar a chanadh daoine ris. Bha e na cheann-cinnidh aig na Gunnaich anns a’ chòigeamh linn deug. Agus bha caisteal aige ann an Ceann a’ Bhrà ist no Kinbrace ann an Dìthreabh Chat. Thà inig coigreach agus fhuair e cuid na h-oidhche. Thà inig dusan fear òg, à rd, eireachdail.
           “An iad seo do mhic?” dh’fhaighnich an coigreach.
           “’S iad,” fhreagair am Brà isteach Mòr, “agus is beag an nà ire a th’ orm gur ann leamsa a tha iad.”
           “Faodaidh tu a bhith moiteil asta,” ars an coigreach. “Chan eil mi eòlach air aon duine ann an Gallaibh nach biodh farmadach dhiubh – ach a-mhà in aonan.”
           “Agus cò e?” dh’fhaighnich am Brà isteach Mòr.
           “Mi fhìn,” fhreagair an srainnsear. Agus leig e a-mach cò e. “Faodaidh tu eòlas a chur orm a-nise,” thuirt e. “Chan eil eagal orm romhad, ged a tha sinn air a bhith nar dubh-nà imhdean do chèile, oir tha do chuid aoigheachd gam dhìon an aghaidh cron. Is mise Cèith Ackergill. Chuirinn mo dhusan mac an aghaidh do chuid fhèin, a Ghunnaich, air latha sam bith a thogradh tu fhèin, air blà r cothromach.”
           Cho luath ’s a chuireadh an dùbhlan, ghabhadh ris. Bhiodh trì duine deug an aghaidh trì duine deug, a h-uile duine dhiubh le là n armachd agus air muin eich. Bhiodh iad a’ coinneachadh ann an Gallaibh, ann an à ite a bha cho iomallach ’s nach b’ urrainn daoine eile gnothach a ghabhail ris a’ chòmhraig.
           Chaidh aontachadh gum biodh na Gunnaich a’ dol a-steach don t-Srath Mhòr ann an Gallaibh. Dh’fhaodadh iad stad aig allt sam bith a bha a’ ruith a-steach do dh’Uisge Gluta, far am faiceadh iad laoigh ag ionaltradh air a bhruaichean. Chaidh am Brà isteach Mòr agus a dhusan mac air adhart agus rà inig iad allt faisg air an à ite ris an canar An Gluta. A rèir an Urramaich Dòmhnall Saigeach, a sgrìobh an cunntas, ’s e Allt nan Gamhna no “the brook of the stirks” a bh’ air an allt bho sin a-mach, ged nach eil an t-ainm air na mapaichean an-diugh.
           Nuair a thà inig an dà bhuidhinn faisg air a chèile, thug na Gunnaich an aire gun robh Clann Chèith air a bhith ri foill. Bha dusan each aca, ach bha dithis ridire air gach each. Bu choma leis na Gunnaich, ge-tà – cha robh iad a’ dol a theicheadh à blà r a’ bhatail. Thà inig iad far an each agus thòisich an t-sabaid gharg. Bha na Gunnaich treun is gaisgeil ach bha cus nà imhdean ann dhaibh. Chaidh an latha le Clann Chèith. Chaidh am Brà isteach Mòr agus seachdnar mhac a mharbhadh. Ghoid na Cèithich a’ bhrà iste ainmeil bho chorp a’ Bhrà istich Mhòir. Agus ghoid iad claidheamh bhuaithe cuideachd.
Thèich an còignear mhac eile aig a’ Bhrà isteach Mhòr agus chuir iad seachad an oidhche aig Allt Thorcuill, allt eile a’ tha sruthadh a-steach do dh’Uisge Gluta aig ceann shuas an t-sratha. Thathar ag rà dh gun d’ fhuair an t-allt ainm leis gun do chuir fear de na brà ithrean, Torcuill, bannan air na lotan aig cà ch. Bha na mic claoidhte is leònte ach cha robh iad uile-gu-lèir ceannsaichte. Bha fear dhiubh, Eanraig, air leth feargach mu fhoill nan Cèitheach agus gheall e gum faigheadh e dìoghaltas. Chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Seòras Gunnach: George Gunn; Ceann a’ BhrĂ ist: Kinbrace; ł¦Ă˛ľ±˛µ°ů±đ˛ął¦łó: stranger; cuid na h-oidhche: a night’s accommodation; »ĺłÜ˛úłó-˛ÔĂ ľ±łľłó»ĺ±đ˛ą˛Ô: deadly enemies; Cèith Ackergill: Keith of Ackergill (sometimes Keith is rendered KĂ igh in pseudo-Gaelic spelling); Uisge Gluta: The Water of Glutt; An t-Urramach Dòmhnall Saigeach: Rev Donald Sage; garg: fierce; Eanraig: Henry.
Abairtean na Litreach
mar a chanadh daoine ris: as people would call him; dusan fear òg, à rd, eireachdail: a dozen young, tall, handsome men; is beag an nà ire a th’ orm gur ann leamsa a tha iad: I’m not ashamed [to say] they’re mine; moiteil asta: proud of them; chan eil mi eòlach air aon duine ann an Gallaibh nach biodh farmadach dhiubh – ach a-mhà in aonan: I don’t know one man in Caithness who would not be envious of them – except one; chan eil eagal orm romhad: I’m not afraid of you; tha do chuid aoigheachd gam dhìon an aghaidh cron: your hospitality protects me from harm; latha sam bith a thogradh tu fhèin, air blà r cothromach: on any day of your choosing, on a fair field; cho luath ’s a chuireadh an dùbhlan, ghabhadh ris: as soon as the challenge was given, it was accepted; le là n armachd agus air muin eich: fully armed and on horseback; cho iomallach ’s nach b’ urrainn daoine eile gnothach a ghabhail ris a’ chòmhraig: so remote that no others could interfere with the combat; gun robh Clann Chèith air a bhith ri foill: that the Keiths had been deceitful; dithis ridire: two mounted soldiers; à blà r a’ bhatail: from the battlefield; treun is gaisgeil ach bha cus nà imhdean ann dhaibh: brave and valorous but they had too many enemies; a ghoid iad claidheamh bhuaithe cuideachd: they stole a sword from him also; bannan air na lotan aig cà ch: bandages on the others’ wounds; claoidhte is leònte ach cha robh iad uile-gu-lèir ceannsaichte: exhausted and wounded but they were not completely defeated; gheall e gum faigheadh e dìoghaltas: he promised to get revenge.
Puing-chĂ nain na Litreach
ThĂ inig iad far an each: they came off their horses. In Litir 66 (25.08.00) I explained far an eich (“off/from the horse”) – far takes the genitive case, in that case the genitive singular. In the current Litir, we have a plural situation. The genitive plural of each is each (the same as the nominative singular) as in Meall nan Each (the hill of the horses) and °ůèľ±˛ő-±đ˛ął¦łó (a horse race, race of horses). “Off the horses” would be far nan each. But in the Litir, the possessive pronoun (third person plural) takes the place of the article so that “from their horses” is far an each. “Off our horses” would be far ar n-each.
GnĂ thas-cainnt na Litreach
thug na Gunnaich an aire: The Gunns noticed.
Broadcasts
- Fri 20 May 2011 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 21 May 2011 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.