
27/05/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 619
Duration: 05:00
Litir 619: Seòras Gunnach
Bha mi ag innse dhuibh mun Bhrà isteach Mhòr, Seòras Gunnach, ceann-cinnidh nan Gunnach is mar a thug e ainm do Cheann a’ Bhrà ist no Kinbrace. Dh’inns mi mar a chaidh e fhèin agus seachdnar mhac aige a mharbhadh ann an còmhrag le Clann Chèith Ackergill. Nochd a dhà uiread de cheatharnaich aig na Cèithich ’s a chaidh aontachadh ro là imh. Ghoid na Cèithich a’ bhrà iste ainmeil agus claidheamh bho chorp a’ Bhrà istich Mhòir.
Thèich an còignear mhac eile aig a’ Bhrà isteach Mhòr. Bha fear dhiubh, Eanraig, feargach mu fhoill nan Cèitheach. Gheall e gum faigheadh e dìoghaltas orra. Agus chuir e roimhe a’ bhrà ist agus an claidheamh fhaighinn air ais. Cha robh na brà ithrean aontaichte, ge-tà . Dhiùlt am fear a bu shine, Seumas, agus fear eile dhiubh an gnothach a thoirt na b’ fhaide. Thuirt Seumas gum faigheadh iad uile bà s. Ach dh’fhalbh Eanraig agus dithis eile de a bhrà ithrean an tòir air na Cèithich.
Lorg iad iad aig Caisteal Dhirlot ann am meadhan Ghallaibh (chan eil ann a-nise dhen chaisteal ach tobhta). Bha an caisteal air mullach creige là imh ri Abhainn Theòrsa. Shreap na brà ithrean a’ chreag gu socair, sà mhach gun fhiosta don fheadhainn a bha am broinn a’ chaisteil. Dh’fhà g Eanraig a dhithis bhrà ithrean aig an doras agus chaidh e fhèin gu uinneag. Gu fortanach dha, bha an uinneag fosgailte. Chunnaic Eanraig na Cèithich ag òl leann agus a’ còmhradh ri chèile. Bha an ceann-cinnidh na shuidhe ri taobh an fhir leis an robh an caisteal. Bha clogaid air fhathast, ach bha a’ chidhis – no vizor – fosgailte.
Gu h-iongantach, bha an Cèitheach a’ bruidhinn air Eanraig fhèin, oir bha e air a ghaisge a dhearbhadh air blà r a’ bhatail. Nam biodh a h-uile Gunnach air sabaid mar Eanraig, thuirt e, bha an latha air a dhol leotha. “Deoch-slà inte dha,” thuirt an Cèitheach. Ach nuair a chuir e a’ chuach do a bhilean, leig Eanraig saighead dha ionnsaigh bhon bhogha aige. Chaidh an t-saighead tron chidhis agus mharbh e an ceann-cinnidh. “Iomacharag a’ Ghunnaich gu Cèith,” dh’èigh Eanraig – “Gunn’s compliments to Keith.”
Leum na Cèithich don casan agus ruith iad chun an dorais. Ach bha na Gunnaich a’ feitheamh riutha agus, fear an dèidh fir, chuir iad gu bàs iad. Am measg na h-ùpraid, fhuair Eanraig a-steach don chaisteal. Fhuair e grèim air a’ bhrà ist agus claidheamh aig athair agus theich e leotha.
Nuair a choinnich an còignear bhrà ithrean a-rithist, dh’iarr Seumas a’ bhrà ist agus an claidheamh oir b’ esan am fear a bu shine – ged nach robh e air a bhith deònach cath a chur ris na Cèithich air an son. Chaidh e fhèin is Eanraig a-mach air a chèile gu salach, agus dh’fhalbh Eanraig a dh’fhuireach ann an Gallaibh. Dhiùlt e “Gunnach” a ghabhail air fhèin no air a shliochd agus ’s ann bhuaithesan a thà inig na Hendersons ann an Gallaibh, a rèir beul aithris. ’S e “Cheannraigich” a bha orra ann an Gà idhlig, a rèir a’ chunntais aig an Urramach Dòmhnall Saigeach.
Dh’fhuirich Seumas ann an Ceann a’ Bhrà ist agus bhon uair sin ’s e Mac Sheumais Chataich a chanadh na Gà idheil ri ceann-cinnidh nan Gunnach. Ach a thaobh na brà iste, chan eil fhios agam dè thachair dhi.
Ěý
Faclan na Litreach
Seòras Gunnach: George Gunn; Ceann a’ BhrĂ ist: Kinbrace; foill: deceit; ˛ú°ůĂ ľ±˛őłŮ±đ: brooch; theich: fled; Eanraig: Henry; aontaichte: united, agreed; Caisteal Dhirlot: Dirlot Castle; Gallaibh: Caithness; tobhta: ruin; clogaid: helmet; cidhis: vizor; cuach: quaich, drinking vessel.
Abairtean na Litreach
mar a chaidh seachdnar mhac aige a mharbhadh ann an còmhrag le Clann Chèith Ackergill: how seven of his sons were killed in combat with the Keiths of Ackergill; a dhà uiread de cheatharnaich’s a chaidh aontachadh ro là imh: twice the number of fighters that was agreed beforehand; gum faigheadh e dìoghaltas orra: that he would exact revenge on them; an tòir air na Cèithich: in pursuit of the Keiths; mullach creige là imh ri Abhainn Theòrsa: a rock summit next to the Thurso River; gu socair, sà mhach gun fhiosta don fheadhainn a bha am broinn a’ chaisteil: quietly without the knowledge of those inside the castle; ag òl leann agus a’ còmhradh ri chèile: drinking ale and conversing; bha e air a ghaisge a dhearbhadh: he had proved his heroism; bha an latha air a dhol leotha: they would have won the day; deoch-slà inte dha: a toast to him; leig Eanraig saighead dha ionnsaigh bhon bhogha aige: Henry let fly an arrow from his bow; fhuair e grèim air a’ bhrà ist agus claidheamh aig athair agus theich e leotha: he got hold of his father’s brooch and sword and fled with them; ged nach robh e air a bhith deònach cath a chur ris na Cèithich: although he had not been willing to battle the Keiths; chaidh iad a-mach air a chèile gu salach: they had a serious falling out; dhiùlt e “Gunnach” a ghabhail air fhèin no air a shliochd: he refused to use the name “Gunn” for himself or his descendants; ’s e Mac Sheumais Chataich a chanadh na Gà idheil ri X: the Gaels would call X “the son of James of Sutherland.”
Puing-chĂ nain na Litreach
fear an dèidh fir: one after another. The compound preposition (or prepositional phrase) an dèidh commands a following noun in the genitive case eg an dèidh a’ chogaidh, an dèidh na bà innse. In modern Gaelic we tend only to inflect the noun where the article is present ie we would say an dèidh cogadh and an dèidh banais (without the article), but phrases sometimes preserve older grammatical modes and this is an example. If we were creating the phrase today, we’d say fear an dèidh fear [as many would], although we’d also say an dèidh an fhir (after the man). But the older mode of inflecting even without the article is retained in fear an dèidh fir.
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Iomacharag a’ Ghunnaich gu Cèith: The Gunn’s compliments to Keith.
Ěý
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 27 May 2011 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 28 May 2011 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.