
03/06/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 620
Duration: 05:00
Litir 620: Sliochd an Eich Bhric Nach Robh Riamh Glic
Am measg nan sinnsirean agam bha feadhainn a bhuineadh don fhine ris an canar MacNair ann am Beurla. Ach dè a’ Ghàidhlig a th’ air MacNair? Uill, a rèir choltais, Mac ̕̕̕̕ an Uidhir. Tha cuid dhen bheachd gu bheil e a’ ciallachadh Mac Iain Uidhir – sin an seann dreach air Mac Iain Odhair no “the son of John of the sallow complexion”. Bha Clann ̓ an Uidhir anns an t-sinnsireachd agamsa à Ros an Iar. Rugadh mo shìr-shìr-sheanair, Coinneach Mac ̓ an Uidhir, air a’ Chomraich ann an ochd ceud deug ̓s a dhà-dheug (1812).
Chan e Mac ̓ an Uidhir a thathar ag ràdh, ge-tà, ri MacNair ann an sgìre Loch Laomainn. Tha dreach eile acasan. Tha iadsan a’ cumail a-mach gu bheil MacNair a’ tighinn bho Mac an Oighre, “the son of the heir”. Agus tha stòiridh aca a dh’innseas mar a thàinig an t-ainm gu bith. ̓S e tiotal an stòiridh Sliochd an Eich Bhric Nach Robh Riamh Glic. Thig mi don stòiridh a dh’aithghearr.
Tha an eachdraidh a’ dol air ais don linn an dèidh Cath Phincidh faisg air Dùn Èideann ann an còig ceud deug, ceathrad ̓s a seachd (1547). B’ e sin am blàr mu dheireadh eadar airm Shasainn ̓s na h-Alba mus tàinig an dà rìoghachd còmhla fon aon rìgh ann an sia ceud deug ̓s a trì (1603). Agus tha ar sùilean air fine a ghabh pàirt anns a’ bhatail. Chan e Clann an Oighre, ge-tà, ach Clann Phàrlain an Arair. Chaill iadsan mòran dhaoine ann an Cath Phincidh, an ceann-cinnidh Donnchadh nam measg.
Rinn iad nàimhdean gu leòr am measg uaislean Shasainn. Agus, nuair a thàinig Alba is Sasainn na b’ fhaisge air a chèile, bha an Riaghaltas ann an Dùn Èideann gu math trom orra. Bhathar a’ cur as leth Clann Phàrlain gun robh iad ri mèirle, murt is ceannairc. Chaill iad mòran dhen fhearann aca.
A-nise, don stòiridh Sliochd an Eich Bhric Nach Robh Riamh Glic. Bha MacPhàrlain an Arair air a bhith pòsta dà thuras agus bha an dàrna bean aige na ban-Shasannach. Dh’fhàg a chiad bhean mac. B’ esan an t-oighre ach bha an oighreachd aige gu math beag. Chuir an gille seo roimhe a dhol a Dhùn Èideann airson bruidhinn ris an Rìgh, feuch am fearann a chaill iad fhaighinn air ais.
Ach, òbh òbh, cha robh each aige a bhiodh freagarrach a thoirt a Dhùn Èideann. Cha robh airgead gu leòr aige airson each brèagha a cheannach. Agus dh’fheumadh e each brèagha a bhith aige airson a bhith am measg nan uaislean anns a’ phrìomh bhaile. Cha dèanadh each robach a’ chùis idir.
Nise, bha fios aige gun robh each bòidheach breac aig a leth-bhràthair – an gille aig athair agus an dàrna bean aige, an tè Shasannach. Dh’iarr an t-oighre (sin a’ chiad mhac) air a leth-bhràthair an t-each a thoirt dha air iasad airson a thurais a Dhùn Èideann.
Chuala màthair a’ bhràthar a b’ òige an còmhradh agus chuir i stad air a’ bhargan. Bha i seòlta oir bha i ag iarraidh gum biodh a mac fhèin na oighre. Chì sinn dè am bargan a rinn i mun each bhreac an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Mac ̓an Uidhir/Mac an Oighre: MacNair/Macnair; Loch Laomainn: Loch Lomond; a dh’aithghearr: soon; Cath Phincidh: The Battle of Pinkie; Clann Phàrlain an Arair: The MacFarlanes of Arrochar; òٲ: married; òbh òbh: dear, oh dear; freagarrach: suitable; robach: ragged.
Abairtean na Litreach
mo shìr-shìr-sheanair, Coinneach Mac ̓ an Uidhir: my great-great-grandfather, Kenneth MacNair;’s e tiotal an stòiridh Sliochd an Eich Bhric Nach Robh Riamh Glic: the title of the story is The Descendants of the Speckled Horse who was Never Wise; am blàr mu dheireadh eadar airm Shasainn ̓s na h-Alba: the last battle between the armies of England and Scotland; mus tàinig an dà rìoghachd còmhla: before the two kingdoms came together; bhathar a’ cur as leth Clann Phàrlain gun robh iad ri mèirle, murt is ceannairc: the MacFarlanes were accused of being involved in robbery, murder and sedition; chaill iad mòran dhen fhearann aca: they lost much of their land; bha an dàrna bean aige na ban-Shasannach: his second wife was an Englishwoman; chuir an gille seo roimhe a dhol a Dhùn Èideann: this lad decided to go to Edinburgh; feuch am fearann a chaill iad fhaighinn air ais: to try to get back the land they lost; dh’fheumadh e each brèagha a bhith aige: he would need to have a fine-looking horse; dh’iarr an t-oighre air a leth-bhràthair an t-each a thoirt dha air iasad: the heir asked his half-brother to give him a loan of the horse; chuir i stad air a’ bhargan: she stopped the bargain; bha i seòlta oir bha i ag iarraidh gum biodh a mac fhèin na oighre: she was cunning because she was wanting her own son to be the heir.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
tha ar sùilean air fine a ghabh pàirt anns a’ bhatail: We’re considering [lit. our eyes are upon] a clan that took part in the battle.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 3 Jun 2011 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 4 Jun 2011 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.