
23/09/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 636
Duration: 05:00
Litir 636: Buaidh nan Gàidheal air Innis Tìle
Tha sinn uile eòlach air a’ bhuaidh a thug na Lochlannaich air ar cànanan is cultar ann an Alba. Tha faclan againn ann an Gàidhlig is Albais – agus Beurla – a thàinig bhon t-Seann Lochlannais. Dh’atharraich Lochlannais blas is dòigh-labhairt na Gàidhlig. Tha iomadach ainm-àite Lochlannach air tìr na h-Alba. Ach dè mun rathad eile? Dè a’ bhuaidh a thug na Gàidheil air na Lochlannaich?
Tha fios againn gun deach faclan Gàidhlig don Lochlannais a bhathar a’ bruidhinn ann an Alba. Agus tha fios againn gun do ghabh mòran, aig an robh sinnsireachd Lochlannach, ri cànan is cultar is dualchas nan Gàidheal. Dh’fhàs Innse Gall gu tur Gàidhealach a-rithist, mar eisimpleir. Bha sin ann an Alba, ach an do thachair an aon rud ann an Innis Tìle?
Tha mi a’ cur na ceist oir tha deasbad air a bhith ann an Innis Tìle – agus tha fhathast – air buaidh nan Gàidheal – Èireannaich agus Albannaich – air cultar nan Tìleach. Tha Innis Tìle a’ seasamh a-mach bho na dùthchannan Lochlannach eile oir ’s ann an Innis Tìle a-mhàin a chaidh na faoinsgeulan mòra a chlàradh ann an sgrìobhadh – anns a’ chànan aca fhèin. Carson a rinn na Tìlich sin nuair nach do rinn na Nirribhich is na Dànaich an aon rud? Tha cuid a’ cumail a-mach gur e sin buaidh nan Gàidheal oir b’ iad na Gàidheil – gu h-àraidh ann an Èirinn – an aon sluagh eile air taobh siar na Roinn Eòrpa a bha a’ sgrìobhadh a leithid nan cànan fhèin.
Ach, ma tha sin fìor, ciamar a thug na Gàidheil buaidh air muinntir Innis Tìle? Uill, tha trì dòighean ann. Anns a’ chiad dol a-mach le Lochlannaich a chaidh a dh’fhuireach ann à Alba is Èirinn anns na naoidheamh is deicheamh linntean; bha na Lochlannaich sin air tighinn fo bhuaidh chultarach nan Gàidheal. Anns an dàrna àite le ceanglaichean cultarach a bh’ air an dèanamh ann an ceann a tuath na h-Alba agus Arcaibh, far am biodh Gàidheil is Lochlannaich a’ coinneachadh ri chèile. Agus an treas dòigh – le Gàidheil a chaidh a dh’fhuireach ann an Innis Tìle – tràillean, mnathan aig Lochlannaich agus daoine a chaidh a dh’fhuireach ann gu saor-thoileach.
Tha grunn fhaclan ann an Tìlis a thathar a’ smaoineachadh a thàinig bhon Ghàidhlig – mar eisimpleir kapall (làir no each boireann), a dh’èirich bho capall, agus tarfur (tarbh) bhon Ghàidhlig tarbh. Tha ainm pearsanta no dhà ann cuideachd, leithid á a thàinig à Niall. Tha á ainmeil mar ainm ann an Innis Tìle oir tha faoinsgeul ann – Njálsaga – sgeulachd Nèill. Ach chan eil mòran ann an coimeas ris na thàinig don Ghàidhlig bhon t-Seann Lochlannais. ’S e as coireach ri sin, ’s dòcha, gur ann aig Lochlannaich, seach Gàidheil, a bha smachd. Bhiodh aig tràillean ri cànan am maighstirean ionnsachadh, seach an rathad eile.
Ach ’s dòcha gu bheil mi air a dhol air thoiseach orm fhìn. Oir, nuair a chaidh na Lochlannaich a dh’Innis Tìle an toiseach, tha e coltach gun robh daoine ann romhpa agus gur e Gàidheil a bh’ annta. Ann an ÍԻ徱Բó, a chaidh a sgrìobhadh anns an dàrna linn deug, thathar ag ràdh, nuair a chaidh na Lochlannaich a dh’fhuireach ann an toiseach, ann an ochd ceud is seachdad (870), gun robh dìthreabhaich Ghàidhealach – ris an canadh iad papar – a’ fuireach ann mu thràth. Bheir sinn sùil orrasan an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
a’ bhuaidh a thug na Lochlannaich air ar cànanan is cultar: the influence that the Norse brought to bear on our languages and culture; dh’atharraich Lochlannais blas is dòigh-labhairt na Gàidhlig: the Norse language changed the blas and mode of speaking Gaelic; dè mun rathad eile?: what about the other way?; don Lochlannais a bhathar a’ bruidhinn ann an Alba: into the Norse language that was spoken in Scotland; cultar nan Tìleach: the culture of the Icelanders; a’ seasamh a-mach bho na dùthchannan Lochlannach eile: standing apart from the other Scandinavian languages; ’s ann an Innis Tìle a-mhàin a chaidh na faoinsgeulan mòra a chlàradh: it’s only in Iceland that the sagas were recorded; b’ iad na Gàidheil an aon sluagh eile air taobh siar na Roinn Eòrpa: the Gaels were the only other people in Western Europe; anns na naoidheamh is deicheamh linntean: in the ninth and tenth centuries; a’ coinneachadh ri chèile: meeting each other; a chaidh a dh’fhuireach ann gu saor-thoileach: who went to live there voluntarily; tha ainm pearsanta no dhà ann: there are one or two personal names; an coimeas ris na thàinig: compared to what came; ’s e as coireach ri sin: what’s responsible for that; gur ann aig Lochlannaich a bha smachd: that the Norse were in charge; bhiodh aig tràillean ri cànan am maighstirean ionnsachadh; slaves would have to learn their masters’ language; seach an rathad eile: rather than the other way round; gun robh daoine ann romhpa: that people were there before them; a chaidh a sgrìobhadh anns an dàrna linn deug: which was written in the twelfth century; ris an canadh iad papar: that they called [would call] papar.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
air thoiseach orm fhìn: ahead of myself.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 23 Sep 2011 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 24 Sep 2011 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Sep 2011 14:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.