
30/09/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 637
Duration: 05:00
Litir 637: Buaidh nan Gà idheal air Innis Tìle
Tha an ĂŤ˛ő±ô±đ˛Ô»ĺľ±˛Ô˛µ˛ą˛úĂł°ě ag innse dhuinn gun robh papar – dìthreabhaich GhĂ idhealach – a’ fuireach ann an Innis Tìle nuair a chaidh na Lochlannaich ann an toiseach mar luchd-tuineachaidh. Bha sin anns a’ bhliadhna ochd ceud is seachdad (870). Dh’fhĂ g na papar an t-eilean goirid Ă s dèidh do na Lochlannaich nochdadh oir cha robh sìth ann dhaibh tuilleadh. Dh’fhĂ g iad clagan agus leabhraichean Ă s an dèidh.
Ach an tug iad buaidh air na Lochlannaich ann an Innis Tìle? Tha e coltach nach tug. Dh’fhalbh iad agus cha do thill iad. Airson buaidh nan Gà idheal air na Tìlich a thuigsinn, feumaidh sinn coimhead air na thachair às deidh nam papar. Stèidhichte air fianais DNA, eachdraidh, ainmean-à ite is cà nan, tha a’ chuid as motha de dh’eòlaichean a’ gabhail ris gun robh an luchd-tuineachaidh na mheasgachadh de Lochlannaich agus Gà idheil. Thathar a’ tomhas na bh’ ann de Ghà idheil anns an t-sluagh aig an toiseach eadar ceithir-deug agus ceathrad às a’ cheud.
Tha cuid de luchd-eachdraidh ag rà dh gun robh trà illean dìreach a’ dèanamh dìreach beag-chuid de na Ghà idheil. Tha feadhainn eile ag rà dh gun robh trà illean anns a’ mhòr-chuid. Ach thathar ag aontachadh gun robh na trà illean Gà idhealach.
Nan robh a’ mhòr-chuid de na Gà idheil nan trà illean, bhiodh sin a’ mìneachadh cho beag ’s a nochd de dh’ainmean pearsanta Gà idhealach am measg nan Tìleach. Chaidh ainmean Lochlannach a chur orra. Agus chaill iad an cà nan an ceann ginealach no dhà .
Ach an robh iad ag innse sgeulachdan? An ann bho na trà illean Gà idhealach a fhuair na Tìlich an grà dh a th’ aca air stòiridhean? Chan eil gaisgich Ghà idhealach anns na sgeulachdan Tìleach. Ach ’s dòcha gun deach iarraidh air na trà illean stòiridhean aithris mu ghaisgich Lochlannach. Agus tha rudan ann a tha coltach eadar an dà dhualchas, co-dhiù nuair a thathar a’ coimhead air na faoinsgeulan Tìleach as sine.
Mus leig mi soraidh le Innis Tìle bu mhath leam innse dhuibh mu thuras a ghabh mi ann an ceann a deas an eilein. Airson mu uair a thìde bha mi a’ drà ibheadh air rathad greabhail. Chunnaic mi dìreach aon chà r. Air mo thaobh chlì bha tè de na beanntan as ainmeile anns an eilean. Tha i mun aon à irde ri Beinn Nibheis agus bho à m gu à m bidh i a’ spreadhadh. ’S e bholcà no a th’ innte. ’S e an t-ainm oirre – Hekla.
Uair no uaireigin bidh Hekla a’ spreadhadh a-rithist. Chaidh i suas ceithir tursan anns an fhicheadamh linn. Chuir mi sin Ă s mo cheann nuair a bha mi air an rathad sin, ge-tĂ . Ach dè mu dheidhinn a h-ainm? Tha hekla a’ ciallachadh ł¦±ô±đòł¦˛ą – agus, gu dearbh, bidh ceò na laighe oirre mar chleòca cha mhòr fad na h-Ăąine.
Cà ite eile a bheil beinn air a bheil Hecla? Tha ann an Uibhist a Deas. Chanainn gum bi ceò na laighe oirrese cuideachd ach dh’fhaodadh muinntir Uibhist mo chur ceart air sin! Tha cuid air smuain a chur air adhart, ge-tà , gur ann à Uibhist a thà inig an t-ainm Tìleach. Tha iad ag rà dh gun deach feadhainn às na h-Eileanan an Iar a dh’fhuireach ann an Innis Tìle o chionn fhad an t-saoghail agus gun tug iad an t-ainm sin leotha. ’S e smuain a tha sin. Ach tha aon rud fìor. Tha e nas sà bhailte a bhith a’ fuireach faisg air a’ Hecla ann an Uibhist!
Faclan na Litreach
»ĺìłŮłó°ů±đ˛ą˛úłó˛ąľ±ł¦łó: hermits, people living in the wilderness; Innis Tìle: Iceland; luchd-tuineachaidh: settlers, colonists; clagan: bells; łŮ°ůĂ ľ±±ô±ô±đ˛ą˛Ô: slaves; gaisgich: heroes; a’ spreadhadh: erupting; ˛úłó´Ç±ôł¦Ă ˛Ô´Ç: volcano; ł¦±ô±đòł¦˛ą: cloak; Uibhist a Deas: South Uist.
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
gun robh an luchd-tuineachaidh na mheasgachadh de Lochlannaich agus Gà idheil: that the settlers were a mixture of Norse and Gaels. Luchd is a tricky word to deal with as it is conceptually plural but must be dealt with as a singular masculine word in terms of the grammatical rules. We would say gun robh iad nam measgachadh de… or gun robh na Tìlich nam measgachadh de… using the plural form (“in their mixture”). But with luchd we have to say na mheasgachadh (“in his mixture”). With clann, which is a singular word but of feminine gender (although conceptually plural) we’d say bha a’ chlann na measgachadh de … (“in her mixture”).
GnĂ thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 30 Sep 2011 11:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sat 1 Oct 2011 10:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
- Sun 2 Oct 2011 14:55ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.