
Nollaig a Steornabhagh/Christmas Service
Thigibh a Steòrnabhagh airson seirbheis Nollaig shònraichte à Eaglais Cuimhneachaidh Mhà rtainn. Join us for a special Christmas service from Martin's Memorial Church in Stornoway.
Thigibh còmhla rinn an Oidhche ron Nollaig seo airson seirbheis shònraichte ecumenaich bho Eaglais Cuimhneachaidh Mhà rtainn, Steòrnabhagh. Bidh an t-Urramach Seumas MacIomhair (An Eaglais Shaor) os cionn na seirbheis, le leughaidhean agus ùrnaighean bhon Urramach Aonghas Moireasdan (Eaglais na h-Alba) agus Maighstir Roddy Johnston (An Eaglais Chaitligeach).
Bidh Anna Mhoireach, Iseabail Anna Mhà rtainn, Donaidh Murchadh MacLeòid a' seinn laoidhean Nollaig agus bidh sgoilearan bho Bhun-Sgoil Lacasdail, Àrd-Sgoil MhicNeacail, Còisir Sgìr a' Bhac agus coithional Steòrnabhaigh a' tighinn còmhla gus na h-òrain Nollaig as ainmeile a sheinn. Le Seumus MacCoinnich gar toirt gu Latha Nollaig le puirt air a' phìob.
Join us this Christmas Eve for a very special ecumenical service from Martin's Memorial Church, Stornoway. Rev James MacIver (Free Church), Rev Angus Morrison (Church of Scotland) and Father Roddy Johnston (Catholic Church) share readings and prayers with us.
Acclaimed soloists Anna Murray, Isobel Ann Martin and Donnie Murdo Macleod sing Christmas hymns, and the pupils of Laxdale Primary School, the Nicolson Institute, Back Gaelic Choir, and the Stornoway Congregation join together to sing an assortment of Christmas classics, as piper James Mackenzie welcomes in Christmas Day.
Last on
Broadcasts
- Christmas Eve 2011 23:00
- Christmas Day 2011 16:00