
27/01/2012
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 654
Duration: 05:01
Litir 654: Dùghall Bochanan - Pàirt 1
Tha mi a’ dol a leughadh earrann à seann leabhar Gàidhlig. ’S e fèin-eachraidh a th’ ann. A bheil sibh ag aithneachadh an ùghdair?
Bha mi cho sona ’s gun do ghineadh mi bho phàrantan diadhaidh sa bhliadhna 1716, a rinn na h-uile dhìcheall a chum mo thogail suas ann an eagal an Tighearna, agus mo dhleastanas a theagasg dhomh gu tràthail; gu h-àraidh mo mhàthair chaomh a dh’ionnsaich dhomh ùrnaigh a dhèanamh cho luath ’s a b’ urrainn mi labhairt…
Cò am fear a sgrìobh an leabhar? Fear a bha diadhaidh agus ainmeil ri a linn. ’S e bàrd a bh’ ann, a bhiodh a’ sgrìobhadh bàrdachd spioradail Ghàidhlig. ’S e an t-ainm a bh’ air Dùghall Bochanan. Thàinig Bochanan don Tighearna tràth na bheatha, mar a tha e a’ mìneachadh anns an leabhar aige.
Mar as fheàrr mo chuimhne, air dhomh a bhith eadar ù is è bliadhna a dh’aois, chaidh mi a-mach aon Dòmhnach gun fhios do mo mhàthair, agus chuir mi seachad greis de thìm ri cluich amaideach; agus ged a phill mi dhachaigh mun deach m’ ionndrainn, gidheadh bha m’ inntinn làn de dh’uabhas agus de dhìteadh cogais airson bristeadh na Sàbaid. Agus, air an oidhche sin fhèin, an dèidh dhomh dol a laighe agus cadal, bha mi fo mhòr-uabhas leis a’ bhruadar seo a leanas: - Bhruadair mi gun do thaisbean an Tighearn Iosa e fhèin domh ann am mòr-chorraich, agus gun tuirt e gum biodh e diolte dhìom airson bristeadh a Shàbaid.
Air dhomh dùsgadh, ghabh mi aithreachas airson an uilc a chuir mi an gnìomh; agus chuir mi romham nach dèanainn a leithid gu bràth tuillidh. Uime sin, thòisich mi ri ùrnaigh na bu trice na bu ghnàth leam a dhèanamh roimhe sin: oir roimh an àm seo, cha d’ rinn mi ùrnaigh ach mar a cho-èignicheadh mo mhàthair mi gu sin a dhèanamh. Ach a-nis thòisich mi air ùrnaigh gun neach air bith a’ cur ìmpidh orm.
Anns na beagan Litrichean romhainn, tha mi a’ dol a thoirt sùil air eachdraidh-beatha Dhùghaill Bhochanain, agus mar a rinn Dùghall tuairisgeul oirre na Ghàidhlig ghnàthasach fhèin. Bhuineadh e don Iomaire Riabhach no Strathyre faisg air Both Chuidir ann an Siorrachd Shruighlea. Chan e a-mhàin gur e bàrd spioradail a bh’ ann, ach gun do chuidich e an t-Urramach Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn ann a bhith ag eadar-theangachadh an Tiomnaidh Nuaidh gu Gàidhlig.
Nuair a bha e sia bliadhna a dh’aois, chaochail màthair Dhùghaill no, mar a chuireas e san leabhar e, ‘thoilich an Tighearna mo mhàthair a thoirt air falbh às an t-saoghal seo’. Goirid an dèidh sin bha aislingean aige a thug buaidh mhòr air. Cuiridh mi crìoch air an Litir seo leis an tuairisgeul aige: … thòisich an Tighearn’ air m’ fhiosrachadh le seallaidhean uabhasach; aislingean anns an oidhche a chuir eagal ro mhòr orm. Bhruadair mi gu tric gun tàinig latha a’ Bhreitheanais agus gun robh Iosa air teachd anns na neòil a chum breith a thoirt air an t-saoghal, agus gun robh gach uile shluagh air cruinneachadh fa chomhair a chathrach, agus gun do thearb e iad nan dà bhuidheann, a h-aon air a làimh dheis agus an t-aon eile air a làimh chlì; agus chunnaic mi mi fhèin maille ri buidheann eile air mo dhìteadh a chum losgadh siorraidh.
Faclan na Litreach
è-: autobiography; caomh: gentle; Dùghall Bochanan: Dugald Buchanan; spioradail: spiritual; gidheadh: nevertheless; ùԲ: prayer; bruadar: dream; aislingean: dreams, visions; breitheanas: judgment.
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
mun deach m’ ionndrainn: before I was missed.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 27 Jan 2012 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 28 Jan 2012 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Jan 2012 14:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.