
03/02/2012
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 655
Duration: 05:00
Litir 655: Dùghall Bochanan - Pàirt 2
Anns an leabhar aige Beatha agus Iompachadh Dhùghaill Bhochanain, tha Dùghall ag innse dhuinn mar a bha e teagmhach mun chreideamh aige nuair a bha e eadar naoi bliadhna is dusan bliadhna a dh’aois. Tha e a’ sgrìobhadh gur e Sàtan a bha ag obair air: “[Thàinig] mi a dh’ionnsaigh an t-saoghail seo le sìol gach gnè pheacaidh air a chur nam chridhe, nì air a bheil am bàrr tarbhach a thionail Sàtan bho mo leanabachd na dhearbhadh soilleir.” Nuair a bha e òg, tha Dùghall ag ràdh gun robh e “làn uabhair, sainnt, fuatha agus dioghaltais &c, gach aon nì dhiubh seo gan nochdadh fhèin gu pailt air an adhbhar a bu lugha.”
Dhàsan, b’ e rathad an Tighearna am fuasgladh dha. An duine nach leanadh rathad an Tighearna, gheibheadh e “dearbh nàdar agus ìomhaigh an diabhail ann an aineolas, dorchadas, nàimhdeas, uabhar, rag-mhuinealachd, gamhlas ... iodhal-adhrach, fèin-spèis agus iomadaidh eile de shamhail sin de rùintean fuathmhor…” Mu na làithean tràtha aige, tha e a’ sgrìobhadh nach robh e “umhail do ghuth an Tighearna, oir bha mo mhuineal mar fhèith iarainn agus mo mhalaichean mar umha. Agus bha mi nam chiontach bho bhroinn mo mhàthar.”
Thogadh Dùghall ann an teaghlach diadhaidh. Bha athair na mhuillear agus na thuathanach. Bha a mhàthair uabhasach diadhaidh ach, mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, chaochail i nuair a bha Dùghall dìreach sia bliadhna a dh’aois. Nuair a ràinig e aois dà bhliadhn’ deug, fhuair e obair le teaghlach eile, a’ teagasg leughadh don chloinn aca.
Cha robh sin furasta idir, ge-tà. Seo tuairisgeul aig Dùghall dhiubh: “Bha an teaghlach seo sònraichte airson gach seòrsa aingidheachd a chur an gnìomh, gach aon dhiubh a’ toirt bàrr air a chèile ann am mallachadh ’s am mionnan ’s an dubhailcean eile, ach bean an taighe na h-aonar, a tha mi làn chreidsinn air an robh eagal an Tighearna.” Dh’fhuirich Dùghall còmhla riutha airson còig mìosan agus thog e fhèin droch chainnt bhuapa.
Agus thachair aon rud annasach dha . Oidhche Shàbaid gheamhraidh a bha seo, bha bean an taighe a’ bruidhinn mu latha a’ bhreitheanais, mar a thilleadh Crìosd. Thuirt i gun tachradh e air oidhche Shàbaid anns a’ gheamhradh agus mun tigeadh Crìosd, gum biodh tàirneanaich is frasan de chlachan-meallain ann.
Uill, air an oidhche sin fhèin, thàinig an stoirm a bu mhiosa a dh’fhairich Dùghall riamh. “Bha na h-uinneagan fosgailte,” tha e a’ sgrìobhadh, “agus thaom na clachan-meallain a-steach don t-seòmar, agus bha na ballachan a’ deàlradh le plathaidhean soilleir nan dealanach. Chrith mi le eagal gum b’ e seo toiseach bròin, oir thàinig gach nì gu crìch a rèir a’ chunntais a thug bean an taighe dhuinn air latha a’ bhreitheanais air tùs na h-oidhche, agus rinn cho ainneamh ’s a chunnaic mi stoirm dhen t-seòrs’ ud sa gheamhradh a thoirt orm a dhaingneachadh nam bharail gum b’ e an latha deireannach a bh’ ann da-rìreadh.”
Dh’fhàg Dùghall an teaghlach sin agus e fhathast dà bhliadhn’ deug a dh’aois. Chaidh e a dh’fhuireach ann an Sruighlea. Agus cha b’ fhada gus an robh tachartas eile ann a thug buaidh mhòr air, mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
le sìol gach gnè pheacaidh air a chur nam chridhe: with the seed of every sort of sin put into my heart; nì air a bheil X na dhearbhadh soilleir: a thing that clearly proves X ; am bàrr tarbhach a thionail Sàtan bho mo leanabachd: the productive crop that Satan collected from my childhood; làn uabhair, sainnt, fuatha agus dioghaltais: full of insolence, covetousness [more commonly sannt], hatred and revenge; air an adhbhar a bu lugha: for the slightest reason; aineolas, dorchadas, nàimhdeas, uabhar, rag-mhuinealachd, gamhlas, … iodhal-adhrach, fèin-spèis: ignorance, darkness, enmity, insolence, obstinacy, malice,… idolatry, self-conceit; iomadaidh eile de shamhail sin de rùintean fuathmhor: many other similar odious desires; umhail do ghuth an Tighearna: obedient to the voice of the Lord; bha mo mhuineal mar fhèith iarainn agus mo mhalaichean mar umha: my neck was like iron sinews and my brow like bronze; bha mi nam chiontach bho bhroinn mo mhàthar: I had been [was] a sinner since [I had been] inside my mother[’s womb]; gach aon dhiubh a’ toirt bàrr air a chèile ann am mallachadh ’s am mionnan ’s an dubhailcean eile: every one of them outdoing the other in cursing and swearing and other vices; ach bean an taighe na h-aonar: except only for the woman of the house; thog e droch chainnt bhuapa: he picked up bad language from them; latha a’ bhreitheanais: the day of judgment; gum biodh tàirneanaich is frasan de chlachan-meallain ann: that there would be lightning and hail showers; an stoirm a bu mhiosa a dh’fhairich Dùghall riamh: the worst storm that Dugald ever felt; air tùs na h-oidhche: at the beginning of the night; rinn cho ainneamh ’s a chunnaic mi stoirm dhen t-seòrs’ ud sa gheamhradh a thoirt orm a dhaingneachadh nam bharail: how rarely I had seen a winter storm like that caused me to become more strongly of the opinion.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
Chrith mi le eagal: I shook with fear.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 3 Feb 2012 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 4 Feb 2012 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Feb 2012 14:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.