
17/02/2012
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 657
Duration: 05:00
Litir 657: Dùghall Bochanan - Pàirt 4
Nochd an leabhar Beatha agus Iompachadh Dhùghaill Bhochanain ochd bliadhn’ deug mus d’ fhuair am bàrd spioradail bàs ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1768). Cha do rinn Dùghall cunntas air a phòsadh. Airson sin, feumar tionndadh don chunntas mu a bheatha ann an leabhar eile – Laoidhean Spioradail Dhùghaill Bhochanain, The Spiritual Songs of Dugald Buchanan a chaidh a dheasachadh leis an Urramach Dòmhnall MacIlleathain. Stèidhich MacIlleathain an iris aige air a’ chiad iris a rinneadh le Dùghall fhèin. Nochd Laoidhean Spioradail an toiseach ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a seachd (1767).
Bha creideamh air Dùghall a chur tro àmhghar. Cha do chuidich Ar-a-mach nan Seumasach e. Bha e an aghaidh adhbhar a’ Phrionnsa, ach bha e air a sgreamhachadh leis mar a chaidh saighdearan Gàidhealach – a mhuinntir fhèin – a chur gu bàs gu neo-thròcaireach ann an Cair Luail. Air an dàrna làimh, bha e ag iarraidh dioghaltas a dhèanamh às an leth. Air an làimh eile, bha e ag iarraidh maitheanas Crìosdail a thoirt do na murtairean cuideachd.
’S ann timcheall air seachd ceud deug is caogad (1750) a fhuair e fois spioradail. Bha sin bliadhna às dèidh dha pòsadh. B’ i a bhean Mairead Brisbane, nighean bàillidh-fearainn Iarla Louden. Chaidh iad a dh’fhuireach air tuathanas athair Dhùghaill. Ach cha do chòrd sin ri Dùghall agus thòisich e air teagasg a dhèanamh. Ann an seachd ceud deug, caogad ’s a trì (1753) ghabh e dreuchd mar thidsear ann an Ceann Loch Raineach. Dà bhliadhna às dèidh sin, fhuair e obair mar Cheistear anns an sgìre sin.
Choisinn Dùghall cliù dha fhèin mar bhàrd spioradail agus mar shoisgeulaiche. Bha muinntir Raineach, agus Clèir Dhùn Chailleann, ga iarraidh mar mhinistear. Ach sheas àrd-urrachan na h-Eaglaise na rathad. Dh’fhuirich e na Cheistear.
Bhathar ag aithneachadh a sgoilearachd, ge-tà. Chaidh iarraidh air rian a chumail air an eadar-theangachadh a bha an t-Urramach Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn a’ dèanamh dhen Tiomnadh Nuadh. Ghluais e a Dhùn Èideann airson sin. Fhad ’s a bha e sa bhaile mhòr, dh’fhoillsich e a’ chiad iris de na laoidhean spioradail aige. Bhiodh e cuideachd a’ searmonachadh do Ghàidheil a bha a’ fuireach ann an Dùn Èideann.
Chaidh e gu clasaichean aig an oilthigh agus thachair e ri cuid de na sgoilearan inntinneach a bha pailt sa bhaile sin aig an àm. A rèir aithris, thachair e ri Daibhidh Hume, am feallsanaiche is sgoilear, nach robh a’ taobhadh ris an Eaglais. Dhùbhlanaich Hume am bàrd Gàidhealach gus pìos sgrìobhaidh diadhaidh aithris a bha cho math ris an Tempest Earrann 4 le Shakespeare.
Fàgaidh mi sibh le pìos bhon Bhìoball a dh’aithris Dùghall à chuimhne agus a bha Hume ag aideachadh a bha cumhachdach agus sòlaimte. Tha e à Taisbeanadh Eòin, an Diadhair, Caibideil 20, a’ tòiseachadh mar seo: Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis...
Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè; agus ’fDz na leabhraichean; agus ’fDz leabhar eile, eadhon leabhar na beatha; agus thugadh breith air na mairbh às na nithean sin a bha sgrìobhte sna leabhraichean, a rèir an gnìomharan.
Ach bha Dùghall fhèin gu bhith am measg nam marbh an ceann ùine nach robh fada, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Dùghall Bochanan: Dugald Buchanan; iompachadh: conversion; An t-Urramach Dòmhnall MacIlleathain: Rev Donald Maclean; Ar-a-mach nan Seumasach: the Jacobite rebellion; dioghaltas: revenge; Ceann Loch Raineach: Kinloch Rannoch; Clèir Dhùn Chailleann: the Dunkeld Presbytery; feallsanaiche: philosopher; ùԲ: challenged; òٱ: solemn; Taisbeanadh: Revelation; ì-ٳ: throne; mairbh: dead people.
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
adhbhar a’ Phrionnsa: the Prince’s cause.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 17 Feb 2012 11:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sat 18 Feb 2012 10:55ѿý Radio nan Gàidheal
- Sun 19 Feb 2012 14:55ѿý Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.