Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na Trì Lèintean Canach (dàrna phàirt)

Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl sa bhun-sgoil: na fuinn as urrainn a chluich air diofar ionnstramaidean. Schools programme to support music teaching in primary schools.

Anns an t-sreath seo tha Ceit agus Ruairidh a' tilleadh gu Innis nan Craobh gus Ruairidh a chuideachadh le ceòl agus òrain a chur ri filmichean a bhios a' dol air adhart gu farpais.

An-diugh, anns an dàrna earrainn dhen sgeulachd gheibh sinn a-mach mar a thuig nighean an rìgh dè dìreach a thachair dha bràithrean. Cluinnear mar a chaidh i gu taigh na h-Eachlair Urlair, agus mar a shiubhal i air feadh nam monaidhean feuch am faigheadh i sealladh air a bràithrean. Mu dheireadh thall, tha i a' faicinn toll mòr ann an taobh na beinne, agus tha i gabhail ceum a-steach.

Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tha na sgeulachdan a tha air an cleachdadh a' tighinn o bheul-aithris.

Tro a bhith ag èisteachd agus ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chuir air dòighean airson ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

20 minutes

Last on

Sun 11 Mar 2012 14:30

Broadcasts

  • Fri 9 Mar 2012 11:30
  • Sat 10 Mar 2012 10:30
  • Sun 11 Mar 2012 14:30