Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na Trì Lèintean Canach (treas phàirt)

Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl sa bhun-sgoil: a' cruthachadh pìos ciùil nas fhaide. Schools programme to support music teaching in primary schools.

Anns an t-sreath seo tha Ceit agus Ruairidh a' tilleadh gu Innis nan Craobh gus Ruairidh a chuideachadh le ceòl agus òrain a chur ri filmichean a bhios a' dol air adhart gu farpais.

An-diugh, cluinnear mar a chunnaic an nighean trì gloinneachan agus trì pìosan arain nuair a chaidh i a-steach dhan uaimh. Dh'ith i beagan arain agus dh'òl i às gach gloinne. Chual' i an uairsin fuaim sgiathan agus dh'aithnich i gun robh i air a bràithrean a lorg. Tha na gillean ag innse dhi gum feum i trì lèintean canach fhighe gus iadsan a shàbhaladh, agus nach fhaod i bruidhinn gus am bi iad deiseil.

Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tha na sgeulachdan a tha air an cleachdadh a' tighinn o bheul-aithris.

Tro a bhith ag èisteachd agus ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chuir air dòighean airson ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

20 minutes

Last on

Sat 17 Mar 2012 10:30

Broadcasts

  • Fri 16 Mar 2012 11:30
  • Sat 17 Mar 2012 10:30