
Episode 1
Fun and banter galore as two teams compete in a battle of wits over words, phrases and proverbs, with Hugh Dan Maclennan trying to maintain order!
Fealla-dhà agus spòrs gu leòr is dà sgioba a' strì an aghaidh a chèile gus brìgh diofar fhacail a dhearbhadh. Anns a' chiad phrògram den t-sreath bidh Cairistìona 'Neen' NicAoidh cuide ri Iain MacIllemhìcheil agus Tormod Macleòid cuide ri Màiri Anna NicDhòmhnaill le Ùisdean MacIllInnein a' cumail ceann a' mhaide riutha uile.
Fun and banter galore as two teams compete in a battle of wits over words, phrases and proverbs. This week Christina 'Neen' Mackay joins John Carmichael and Norman Macleod teams up with Mary Anne Macdonald with Hugh Dan Maclennan trying to maintain order!
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Clip
-
Seanfhacal – Suirghe fada bhon taigh …
Duration: 00:37
Carra-meile
Tha e a’ sgapadh air uachdar na talmhainn gus a bheil e mu dheireadh meadhanach mòr. Tha na duilleagan dorch uaine agus tha dìthean buidhe-bhàn air san Ògmhios. ‘S ann am measg an fheòir air talamh nach eil air àiteach as trice a gheibhear e. Bha e uaireigin pailt air feadh Bhreatainn ach tha e air a dhol air ais tòrr le mar a tha tuathanachas a’ sgapadh.
Tha freumhaichean fada cnapach aig carra-meile a tha milis rin cagnadh: tha ‘meile’ a’ ciallachadh rud milis – mar mil. Gabhaidh teatha dèanamh le na fhreumhaichean: tha iad air an tiormachadh is an gearradh beag agus tha an teatha air a reic mar chungaidh-leigheis: tha e coltach gu bheil i math ma tha thu air cus òl no ma tha an dèideadh ort.
Gangaid
Tha e cuideachd a’ ciallachadh nighean a tha aotrom sa cheann – ‘guanach’ – agus ’s e a’ chiall sin a bha againn an seo. Bha am facal ‘gangaraid’ ann uaireigin cuideachd. A rèir cuid, b’ e seo “sgaoth de bhoireannaich bhuaireasach”.
Faclan ùra
Neach-greisidh - spin doctor
Timcheallan - roundabout
Deachdaire - dictator
Guim - plot / conspiracy
Riomball – halo
Cairistìona 'Neen' NicAoidh is Iain MacIllemhìcheil

Màiri Anna NicDhòmhnaill is Tormod MacLeòid

Credits
Role | Contributor |
---|---|
Presenter | Hugh Dan MacLennan |
Participant | Neen MacKay |
Participant | John Carmichael |
Participant | Mary Anne Macdonald |
Participant | Norman MacLeod |