
Seirbheis bho 1994 còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid - 1/2
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid nach maireann. A Gaelic archive service from 1994 conducted by the late Rev Murdo A MacLeod.
Rugadh Mgr MacLeòid ann an Nis ann an 1935 far an robh athar, an t-Urr Alasdair MacLeòid, na mhinistear aig an à m.
Chaidh Mgr MacLeòid gu Oilthigh Obar Dheathain agus às an sin gu Colaiste na Diadhachd aig an Eaglais Shaor ann an Dùn Èideann. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966 ann an sgìre Drumchapel ann an Glaschu. Aig toiseach nan seachdadan ghluais e gu sgìre Inbhir Pheofharain agus às an sin gu Eaglais Nam Manach Liath ann an Inbhir Nis. Ann an 1984 chaidh a ghairm air ais chun na dùthcha aige fhèin, gu bhith na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh agus bha e na Mhodarà tor air an Àrd Sheanadh ann an 1995, a' bhliadhna a bhà saich e .
Bha ùidh mhòr mhòr aig Mgr MacLeòid ann am ball-coise na òige agus a rèir choltais na dheagh chluicheadair nuair a bha e na bhall de sgioba ball-coise Sgoil MhicNeacail. Bha nà dar spòrsail aige cuideachd agus bha e ainmeil airson a bhith toirt a' char às a charaidean agus luchd-eòlais.
Bha e na shearmonaiche air leth anns a' Ghà idhlig agus a' Bheurla. Bha e mothachail air na h-atharrachaidhean a bha gabhail à ite taobh a-staigh na h-eaglaisean ann an Alba agus anns an eilean aige fhèin agus bha dòigh air leth aige ann a bhith dèiligeadh ri cùisean nuair a dh'fhà sadh an suidheachadh doirbh.
Cho fad 's a bha e na mhinistear ann an Steòrnabhagh, ghabh e sùim mhòr anns an òigridh agus rinn e atharrachaidhean anns an obair a bha an eaglais a' dèanamh nam measg. Ri linn seo chaidh toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air talla eaglais a thogail. Tha an talla sin ann an-diugh agus air ainmeachadh mar chuimhneachan air fhèin.
Bhà saich Mgr MacLeòid san Dà mhair 1995, a' fà gail bean agus sianar theaghlach.
Last on
An t-Urr Murchadh A MacLeòid

Broadcasts
- Sun 3 Jun 2012 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 May 2017 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Nov 2021 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal