Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Iain MacThòmais, Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear. Gaelic religious service conducted by Rev Ian Thomson, Minister of East Kilbride Free Church.

Ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo, cluinnidh sibh seirbheis còmhla ris an Urr Iain MacThòmais a tha na Mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear.

Cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a' leanas:

Salm 13: 1-2 air fonn Walsall, os cionn na seinn Murchadh MacIllinnein le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac.
Salm 51: 6-7 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn Aonghas macIllinnein le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Salm 80: 18-19 air fonn Walsall, oc cionn na seinn an t-Urr Iain D Caimbeul

Leughadh: Isaiah 64: 6-7.

30 minutes

An t-Urr Iain MacThòmais

Rugadh ‘s thogadh Mgr MacThòmais ann an Garrabost san Rubha ann an Leòdhas. Chaidh e dhan sgoil ann an Paible ‘s an uairsin gu sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.

Ìý

Cha robh mòran ùidh aige ann an obair sgoile ‘s le sin cha do shuidh e deuchainnean sam bith. Dh’fhàg e an sgoil ‘s chuir e seachad ochd bliadhna deug na bhreabadair. Anns an ùine sin, thàinig atharrachadh na bheatha.

Ìý

Nuair a dh’fhairich e gu robh Dia ga ghairm gu bhith na mhinistear bha aige ri dhol air ais dhan sgoil (Sgoil Mhicneacail) a shuidhe deuchainean àrd ire. Chaidh e air adhart às an sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.<?xml:namespace prefix = o ns = "urn:schemas-microsoft-com:office:office" />

Broadcasts

  • Sun 10 Jun 2012 09:00
  • Sun 10 Jun 2012 15:00