Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis bho 1994 còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid - 2/2

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid nach maireann. A Gaelic religious archive service from 1994 conducted by the late Rev Murdo A MacLeod.

Air an t-seachdain seo ann an Deanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC, cluinnidh sibh an dàrna seirbheis a chaidh a chlàradh ann an Eaglais Shaor Steòrnabhaigh ann an 1994 còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, nach maireann.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:

Salm 85: 7-8 air fonn Bangor, os cionn na seinn Coinneach MacLeòid.
Salm 78: 53-54 air fonn Torwood, os cionn na seinn Fionnlagh Dòmhnallach
Salm 23: 1-2 air fonn Kilmarnick, os cionn na seinn Fionnlagh Dòmhnallach

Leughadh: Isaiah 55: 1-13
Ceann teagaisg: Isaiah 55: 3

Rugadh Mgr MacLeòid ann an Nis ann an 1935 far an robh athar, an t-Urr Alasdair MacLeòid, na mhinistear aig an àm.

Chaidh Mgr MacLeòid gu Oilthigh Obar Dheathain agus às an sin gu Colaiste na Diadhachd aig an Eaglais Shaor ann an Dùn Èideann. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966 ann an sgìre Drumchapel ann an Glaschu. Aig toiseach nan seachdadan ghluais e gu sgìre Inbhir Pheofharain agus às an sin gu Eaglais Nam Manach Liath ann an Inbhir Nis. Ann an 1984 chaidh a ghairm air ais chun na dùthcha aige fhèin, gu bhith na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh agus bha e na Mhodaràtor air an Àrd-sheanadh ann an 1995, a' bhliadhna a bhàsaich e .

Bha ùidh mhòr mhòr aig Mgr MacLeòid ann am ball-coise na òige agus a rèir choltais na dheagh chluicheadair nuair a bha e na bhall de sgioba ball-coise Sgoil MhicNeacail. Bha nàdar spòrsail aige cuideachd agus bha e ainmeil airson a bhith toirt a' char às a charaidean agus luchd-eòlais.

Bha e na shearmonaiche air leth anns a' Ghàidhlig agus a' Bheurla. Bha e mothachail air na h-atharrachaidhean a bha gabhail àite taobh a-staigh na h-eaglaisean ann an Alba agus anns an eilean aige fhèin agus bha dòigh air leth aige ann a bhith dèiligeadh ri cùisean nuair a dh'fhàsadh an suidheachadh doirbh.

Cho fad 's a bha e na mhinistear ann an Steòrnabhagh, ghabh e sùim mhòr anns an òigridh agus rinn e atharrachaidhean anns an obair a bha an eaglais a' dèanamh nam measg. Ri linn seo chaidh toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air talla eaglais a thogail. Tha an talla sin ann an-diugh agus air ainmeachadh mar chuimhneachan air fhèin.

Bhàsaich Mgr MacLeòid san Dàmhair 1995, a' fàgail bean agus sianar theaghlach.

30 minutes

Last on

Sun 28 Nov 2021 21:00

An t-Urr Murchadh A MacLeòid

An t-Urr Murchadh A MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 10 Jun 2012 21:00
  • Sun 28 May 2017 21:00
  • Sun 28 Nov 2021 21:00