
Episode 7
Athair agus nighean, na sgrìobhaichean Tormod Caimbeul agus Catriona Lexy Chaimbeul. Father and daughter Norman and Catriona Lexy Campbell discuss their shared art of writing.
Rugadh agus thogadh an sgrìobhadair, an neach-teagaisg agus an fhìor Niseach, Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair ann an Dail bho Dheas, Leòdhas. Sgrìobh e grunn leabhraichean do dh' inbhich leithid Deireadh an Fhoghair, An Druim bho Thuath, Shrapnel agus An Naidheachd bhon Taigh. Do chloinn bha Uilleam Ban agus an Iolaire, A' Chailleach Chrubach, Dòmhnall mac Dhòmhnaill mac Dhòmhnaill, agus Cathal Garg is a Hearach. Chruinnich e cuideachd rannan do chloinn agus chà ich anns a' leabhar à lainn Air do Bhonnagan a Ghaoil agus dh'eadar-theangaich e samhail Tè Bheag a' Ghruffalo is leabhraichean Katie Morag do chloinn.
Nuair a bha Tormod 70 bliadhna san Dà mhair 2012, dh' iarr sinn air Maureen NicLeòid, a rugadh 's a thogadh san aon bhaile ris, cuairt a ghabhail le Tormod an Dail bho Dheas agus ann an Dùn Èideann far a robh e na oileanach agus a' cosnadh. Anns an t-sreath phrògraman a tha seo cluinnidh sinn mu na thug buaidh air Tormod.
Tha iad a' tòiseachadh ann an Gà raidhean Srà id a' Phrionnsa far a robh Tormod ag obair airson greiseag ach cha do sheas e ro fhada, mar a mhìnicheas e fhèin. Tha iad a' coinneachadh ri Catriona Lexy Chaimbeul, nighean Thormoid agus tha 'd a' bruidhinn air mar a chuir an dithis aca seachad ùine an Dùn Èideann agus mar a tha an dithis aca an-diugh a' sgrìobhadh. Cluinnidh sinn mar a tha Tormod air a bhith misneachadh agus a' cuideachadh Chatriona Lexy bho h-òige 's tha 'd a' toirt port air Jelly a' Cho-op agus mar a chaidh a sgrìobhadh le Tormod agus aithris le Catriona Lexy.
Bhà saich Tormod sa Chèitean 2015 aig aois 72. Chaidh an cruinneachadh mu dheireadh de na sgeulachdan goirid aige, Sgeulachdan sa Chiaradh, fhoillseachadh le Acair san Dà mhair 2015.
This is a series of 8 programmes celebrating the Gaelic writer Norman Campbell ( Tormod a' Bhocsair ) 's 70th birthday in October 2012. Presented by Maureen Macleod, she and Norman continue their programmes recorded on location in Edinburgh recalling Norman's time there in the 60s.
They begin in Princes St Gardens where Norman worked as an assistant gardener which was short-lived but eventful. They meet up with Norman's daughter, Catriona Lexy Campbell and discuss their shared experience of living in Edinburgh and their shared art of writing. They compare their writing styles, and how they both don't regard writing as work, as such, but pleasure. They discuss how Norman famously wrote a story, Jelly a' Cho-op for Catriona Lexy and how she performed it at the Mod at the age of five and became an instant success.
Last on
More episodes
Next
Clip
-
Jelly a' Cho-op
Duration: 04:30
Broadcasts
- Wed 14 Nov 2012 13:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 14 Nov 2012 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Nov 2012 10:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 16 Feb 2016 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 16 Feb 2016 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Feb 2016 10:01ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal