Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 8

Episode 8 of 8

An saoghal sòisealta a bh' aig Tormod Caimbeul agus eile an Dùn Èideann sna 60an. Edinburgh at a time of great social change as experienced by the writer Norman Campbell.

Rugadh agus thogadh an sgrìobhadair, an neach-teagaisg agus an fhìor Niseach, Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair ann an Dail bho Dheas, Leòdhas. Sgrìobh e grunn leabhraichean do dh' inbhich leithid Deireadh an Fhoghair, An Druim bho Thuath, Shrapnel agus An Naidheachd bhon Taigh. Do chloinn bha Uilleam Ban agus an Iolaire, A' Chailleach Chrubach, Dòmhnall mac Dhòmhnaill mac Dhòmhnaill, agus Cathal Garg is a Hearach. Chruinnich e cuideachd rannan do chloinn agus chàich anns a' leabhar àlainn Air do Bhonnagan a Ghaoil agus dh'eadar-theangaich e samhail Tè Bheag a' Ghruffalo is leabhraichean Katie Morag do chloinn.

Nuair a bha Tormod 70 bliadhna san Dàmhair 2012, dh' iarr sinn air Maureen NicLeòid, a rugadh 's a thogadh san aon bhaile ris, cuairt a ghabhail le Tormod an Dail bho Dheas agus ann an Dùn Èideann far a robh e na oileanach agus a' cosnadh. Anns an t-sreath phrògraman a tha seo cluinnidh sinn mu na thug buaidh air Tormod.

Tha 'd a' tòiseachadh, sa phrògram mu dheireadh, aig Schines House Place far a robh e fhèin agus feadhainn eile ann a flat còmhla agus far na chum iad partaidh na dhà. Bhiodh sgrìobhadairean ainmeil a' togail ceann aig na partaidhean cuideachd. Bha cùisean sòisealta agus poilitigeach ag atharrachadh gu mòr aig an àm, agus nam biodh a' Ghàidhlig air barrachd neart fhaighinn an Dùn Èideann bhiodh e air fuireach ach chaidh e a theagasg a Ghlaschu, rud a chòrd ris gu mòr.

Bhàsaich Tormod sa Chèitean 2015 aig aois 72. Chaidh an cruinneachadh mu dheireadh de na sgeulachdan goirid aige, Sgeulachdan sa Chiaradh, fhoillseachadh le Acair san Dàmhair 2015.

This is a series of 8 programmes celebrating the Gaelic writer Norman Campbell ( Tormod a' Bhocsair ) 's 70th birthday in October 2012. In the last programme, presented by Maureen Macleod, she and Norman continue their programmes recorded on location in Edinburgh recalling Norman's time there in the 60s.

They begin their journey at Schines House Place where he shared a flat and where they held a party or two. Some of Edinburgh's literati - Robert Garioch, Sydney Goodsir Smith, Hugh MacDiarmid, Norman MacCaig - would also attend. They then pay a visit to Sandy Bell's pub which was Norman and company's local. He recalls his time in Edinburgh very fondly at a time of great political and social change - kitchen sink dramas were appearing, satire, drugs etc.

He would have stayed in Edinburgh if Gaelic had got more of a foothold there, but he then attended Jordanhill College and taught in Glasgow, which he thoroughly enjoyed. He was sad to leave Edinburgh but always enjoyed visiting the city.

30 minutes

Last on

Sun 28 Feb 2016 10:01

More episodes

Previous

Next

You are at the last episode

See all episodes from Tormod a' Bhocsair @ 70

Broadcasts

  • Wed 21 Nov 2012 13:30
  • Wed 21 Nov 2012 22:00
  • Sun 25 Nov 2012 10:30
  • Tue 23 Feb 2016 12:00
  • Tue 23 Feb 2016 22:00
  • Sun 28 Feb 2016 10:01