Main content
This programme will be available shortly after broadcast

còmhla ris an Urr Ruairidh Moireasdan

Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1996 leis an Urr Ruairidh Moireasdan (nach maireann). Gaelic archive service from 1996 conducted by the late Rev Roderick Morrison.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 34: 17-18 air fonn Torwood. Os cionn na seinn bha Aonghas Moireasdan, le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.

Salm16: 10-11 air fonn Kilmarnock. Os cionn na seinn bha an t-Urr Seumas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Garrabost.

Leughadh: Soisgeul Eòin 11 : 1-28.

Rugadh is thogadh Ruairidh Moireasdan ann an Uibhist a Tuath. Dh'fhàg e sgoil aig còig bliadhna deug 's chaidh e a Ghlaschu a thoirt a-mach an dreuchd aige mar shaor. Thàinig atharrachadh na bheatha nuair a bha e bliadhna thar fhichead 's e dol gu danns'. Dh'fhairich e gu robh Dia dha ghairm gu bhith a' searmonachadh 's chuir e seachad trì bliadhna ann an sgoil oidhche 'son foghlam aig àrd ire. As dèidh sin, rinn e MA agus BD.

Bha an t-Urr Moireasdan na mhinistear an toiseach air coitheanal Chàrinis an Uibhist a Tuath. Fhuair e an uair sin gairm gu coitheanal Àrd Eaglais Steòrnabhaigh agus bha e an sin bho 1981-1994. Às dèidh sin ghluais e a Ghlaschu far an robh e os cionn coitheanal Sràid Ghardner airson còrr air tri bliadhna deug.

Bha e pòsta aig Chris Ann à Ùige, Leòdhas 's tha dithis a theaghlach aca, Derek agus Muriel.

Leig e dheth a dhreuchd ann an 2008 agus thill e air ais a Leòdhas agus bha e a' searmonachadh tric ann an diofar choitheanalan. Bha Mgr Moireasdan leth cheud bliadhna na mhinistear ann an 2023. Bhasaich e sa Chèitein am-bliadhna.

30 minutes

On radio

Sunday 21:00

Broadcasts

  • Sun 18 Nov 2012 21:00
  • Sunday 21:00