Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Raghnall Moireasdan

Seirbhis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Raghnall Moireasdan bhon Eaglais Shaor bho 2012. Archive service conducted by Rev Ronnie Morrison, retired Free Church Minister.

Anns an t-seirbheis, cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 22: 22-24 air fonn Coleshill agus 's e Calum Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland

Salm 21: 5-6 air fonn Kilmarnock agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland

Salm 45: 2-3 air fonn Evan agus 's e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac

Leughadh : Leabhar an Taisbeanaidh 1 : 1-8

Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 1: 8.

Bha Mgr Moireasdan na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois bho 1999 gu 2010.
Rugadh Mgr Moireasdan ann an Ceann Loch Iù ann an 1945. Na òige ghluais an teaghlach gu Ach Ille Bhuidhe far an deach e dhan sgoil an sin airson ùine ghoirid mus do ghluais iad an uairsin a Sgalpaigh ann an 1954. Bha ùidh mhòr aig Mgr Moireasdan ann am bàtaichean agus ann an iasgach agus bha e san àite cheart airson sin, ach bha aige cuideachd ri oidhirp mhòr a dhèanamh a' Ghàidhlig ionnsachadh agus thairis air na ceithir bliadhna a bha e ann an sin rinn e an gnothach air sin a dhèanamh.
À Sgalpaigh chaidh iad a bhaile mhòr Ghlaschu - àite ris a bheil ceangal dlùth aige fhathast agus bha e an sin gus an do dh'fhàg e an sgoil aig còig bliadhna deug.
Às dèidh an sgoil fhàgail bha e ag obair ann an roinn chlò-bhualaidh son ochd bliadhna deug gus an do ghabh teicneòlas thairis cùisean. Nochd diofar obraichean as dèidh sin ach cha do stad e gus an deach e air ais dhan cholaiste agus dhan oilthigh agus cheumnaich e. Às dèidh ceumnachadh aig oilthigh Ghlaschu chaidh Mgr Moireasdan gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann son trèanadh a bhith na mhinistear. Fhuair e gairm gu coitheanal Ghriomasaigh agus Uibhist a Tuath - a' chiad choitheanal aige agus tha ceanglaichean làidir aige ris an sgìre fhathast.
Dh'fhàg e Uibhist às a dhèidh agus shiubhail e na mìltean a-null gu ruige Sydney, Astràilia ann an 1997. Cho fad 's a bha e ann an sin chuir e fhèin agus an t-Urramach Coinneach MacLeòid (à Barabhas ach a bha stèidhichte thall an sin ) air dòigh seirbheis Ghàidhlig agus bha iad gu math fortanach oir bha dithis de bhràithrean Mhgr Moireasdain thall air làithean-saora aig an àm agus iad le chèile air leth math ann a bhith a' cur a-mach na loidhne.
Thill Mgr Moireasdan air ais a dh'Alba ann an 1999 agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Bhaile Dhubhthaich far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd.
Tha Mgr Moireasdan pòsta aig Joan agus tha dithis chloinne aca - Joanne agus John - agus ceathrar oghaichean. Tha ùidh aige ann an càraichean 's bàtaichean agus cluichidh e Sudoku, uill, gu ìre air choreigin co-dhiù!

30 minutes

Last on

Sun 10 Dec 2023 21:00

Broadcasts

  • Sun 25 Nov 2012 09:00
  • Sun 25 Nov 2012 15:00
  • Sun 7 Jul 2013 09:00
  • Sun 7 Jul 2013 15:00
  • Sun 10 Dec 2023 21:00