
24/02/2013
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Teà rlach MacEanraig, Eaglais na h-Alba bho 1988. Gaelic archive religious service conducted by Rev Charles Henderson from 1988.
Anns an t-seirbheis à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo, cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:Salm 98: 1-2 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn bha Eòin Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an StafainAn laoidh, O Thighearna Cuidich Mi, air a sheinn le Mà iri MhoireasdanSalm 73: 23-24 air fonn Walsall, os cionn na seinn bha Murchadh MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.Leughadh Eòin 8: 23-33.'S ann à Aird nam Murchan a tha Mgr MacEanraig bho thùs agus tha e air a bhith na mhinistear aig Eaglais na h-Alba faisg air trì fichead bliadhna. Thairis air na bliadhnaichean sin tha e air a bhith os cionn trì paraistean - Dùn Bheagain san Eilean Sgiathanach, Glasaraidh ann an Earra-Ghà idheal agus còig bliadhna fichead ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Nuair a bha e ann an Ceann Loch Chille Chiarain, 's ann an Eaglais Ghà idhealach na Paraiste a bha e stèidhichte, eaglais anns an robh ministearan ainmeil, nam measg Iain Mac a' Ghobhainn a dh'eadar-theangaich na sailm agus pà irt dhan t-Seann Tiomnadh dhan a' Ghà idhlig. Bha an t-Urramach Tormod MacLeòid (Caraid nan Gà idheal ) na mhinistear san eaglais sin cuideachd. Bha Mgr MacEanraig ag obair air bà taichean nan taighean-solais mas deach e staigh airson dreuchd na ministrealachd.
Last on
Broadcast
- Sun 24 Feb 2013 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal